Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Diardaoin

Dè tha tachairt le referendum nan Curdach ann an Iorag? What is behind the referendum held by the Kurds in Iraq?

Chaidh muinntir Khurdistan Iorag gu na h-ionadan bhòtaidh Diluain airson bhòtadh air neo-eisimeileachd. Chan eil an Riaghaltas Curdach ann an ceann a tuath Iorag an dùil neo-eisimeileachd a ghairm às a dhèidh, 's iad ag ràdh gu robh iad son seasamh nas làidire fhaighinn ann an còmhraidhean le Riaghaltas Iorag. Ach chan eil sin air stad a chuir air connspaid agus argamaid mun chùis, ann an Iorag agus air feadh an Ear Mheadhanaich. Gheibh Coinneach mineachadh air na tha a' dol air adhart bhon fhear-naidheachd Derek MacAoidh.

Airson còig bliadhna fichead, tha dachaigh-cùram is taigh-fasgaidh Bhethesda ann an Steòrnabhagh air a bhith a' frithealadh coimhearsnachd Leòdhais ann an obair gu math duilich. Às dèidh còrr air ochd bliadhna deug ag obair aca, tha aon dhuine a th' air a bhith air cùl an obair seo a' leigeil dheth a dhreuchd, DR MacDhòmhnaill, Manaidsear Ionmhais Bhethesda. Fhuair Coinneach facal air mu chuid obrach thairis air na bliadhnaichean.

Agus bidh an Dr Aonghas MacCoinnich air ais le dà phàipear à Tasglann nan Caimbeulach aig Caisteal Inbhir Aora. An-diugh, teisteanas às leth dà oileanach bho1710, agus litir a chaidh a sgrìobhadh ann an 1724. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 28 Sep 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 28 Sep 2017 09:00
  • Thu 28 Sep 2017 21:13