Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist

Còmhla ris an Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist an Eilean Leòdhais. Gaelic religious service conducted by Rev Calum MacLeod, Shawbost Free Church, Isle of Lewis.

Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:

Salm 36: 5-6 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal an Rubha
Salm 62: 6-7 air fonn St Mary's agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac
Salm 45: 13-14 air fonn Bedford agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire

Leughadh: Philipanaich 3: 1-11
Philipanaich 3: 7

'S ann do bhaile Shuardail san Rubha a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-Sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhàgail ann an 1974, thòisich e ag obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bha orra mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar is eòlaich sinn orra an-diugh.

Thàinig an t-Urramach MacLeòid gu bhith na bhall den Eaglais Shaor san Rubha aig deireadh na seachdadan. Bha e cuideachd a' teagaisg ann an sgoil Shàbaid, na dheacon agus an uairsin na èildeir anns a' choitheanal.

Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart.

Dh'fhàg e BT ann an 1997 agus a chaidh e a-staigh airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist san Dàmhair 2000 far a bheil e chun an latha an-diugh. A bharrachd air a bhith a' frithealadh a' choitheanal, tha an
t-Urr MacLeòid cuideachd na chlàrc aig Clèir nan Eilean Siar.

Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, (rud nach bi a' tachairt ro thric) 's caomh leis a bhith a' falbh air a' bhaidhsagail, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd. Grunn bhliadhnaichean air ais, sgrìobh e a' chiad leabhar aige air eachdraidh Eaglais Shaor Shiaboist.

30 minutes

An t-Urr Calum MacLeòid

An t-Urr Calum MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 8 Oct 2017 09:00
  • Sun 8 Oct 2017 15:00