
02/11/2017
Dè bhuaidh a th'aig mòr-thurasachd air na h-à itichean air a bheil na daoine a tadhal? What impact is mass tourism having on the destinations that people visit?
An-diugh dè a' bhuaidh a th'aig mòr-thurasachd air na h-à itichean air a bheil na daoine a tadhal? Tha barrachd thrioblaidean agus gearainean a' tighinn am bà rr bho dhùthchannan air feadh an t-saoghail air sgà th 's an à ireamh de luchd-turais a tha a' siubhal thuca. Mar eisimpleir, bho 2019 cha bhi e ceadaichte Uluru (Ayers Rock) a shreap air sgath 's draghan bhon choimhearsnachd tùsanach. Bho chionn da mhìos bha cuid a' togail fianais an aghaidh luchd-turais ann am Barcelona agus a' milleadh goireasan turasachd sa bhaile agus a' cuir dragh air daoine. A bheil cus turasachd ann a-nis agus dè a ghabhas dèanamh gus luchd-turais agus muinntir an à ite a chumail rèidh?
Tha Ruairidh MacIlleathain a' toirt thugaibh a' chiad phà irt de shreath ùr a' coimhead air na prìomh charactaran bho Sgaradh nan Innseachan, a thachair bho chionn 70 bliadhna. Tha e a' tòiseachadh le Mahatma Ghandi.
Cluinnidh sinn bhon saic-eòlaiche Domhnall Macleòid, carson a tha sluagh deònach a bhith ag adhradh dha ceannardan phoilitigeach , leithid Stalin, Kim Jong-un agus Hitler.
Agus tha an Riaghaltas ann an Sìona ag amas siostam creideas sòisealta a chruthachadh airson fiosrachadh a chruinneachadh air gach neach 's an dùthaich sa bhliadhna 2020. Tha Dòmhnall Dòmhnallach a' toirt sùil air a' bhuannachd agus an cunnart a thig à s. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 2 Nov 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Nov 2017 21:13ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal