Main content
Sorry, this episode is not currently available

Oileanaich Obar Dheathain

An-diugh prògram sònraichte còmhla ri oileanaich Obar Dheathain. bbc.co.uk/feasgar. A special programme from The University of Aberdeen and Robert Gordon's University.

An-diugh tha Cathy air chuairt ann an Obar Dheathain far a bheil i a' coinneachadh ri oileanaich.

Anns a' chiad bhliadhna aig Oilthigh Obar Dheathain fhèin, tha Rona Mhoireasdan à Sgalpaigh na Hearadh agus Kitty Banks à Sruighlea. Nan cois tha Catriona NicIlleBhàin à Leòdhas, a th' air ùr thòiseachadh aig Oilthigh Raibeart Gordon. Ciamar a tha am baile a' còrdadh riutha thuige seo agus cò ris a tha e coltach a bhith air falbh bhon taigh airson a' chiad uair? 'S Òbh Òbh tha na bùithtean air grèim fhaighinn orra uile mar tha.

Tha Eilidh NicAmhlaigh à Glaschu air an darna bliadhna aig Oilthigh Obar Dheathain agus còmhla rithe a' dèanamh fealla-dhà, tha dithis bhon treas bliadhna, Ciorstaidh NicDhùghail às an Eilean Sgitheanach agus Joanna NicDhùghaill à Glaschu. Mar a chluinneas sinn tha a' Ghàidhlig gu math cudromach dhaibh uile.

Agus cluinnidh sinn cuideachd bho dhithis a tha a-nise air a' cheathramh bliadhna a ruighinn agus a' coimhead air adhart ri dè bhios mun coinneamh an dèidh dhaibh an oilthigh fhàgail. 'S iadsan Robyn Low à Glaschu agus Seumas Dòmhnallach à Obar Dheathain.

Sin agus ceòl gu leòr bho Rita Ora, Little Mix, Miley Cyrus, Kelly Clarkson, The Vaccines, Ellie Goulding, Nick Jonas is eile. www.bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 8 Nov 2017 12:33

Broadcast

  • Wed 8 Nov 2017 12:33