Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diciadain

Am bu chòir barrachd eòlas a bhith againn air an eachdraidh ionadail againn fhìn? Should we be better informed about our own local history? bbc.co.uk/coinneach.

Am bu chòir barrachd eòlas a bhith againn air an eachdraidh ionadail againn fhìn? Saoil am bu chòir barrachd sgeulachdan agus seanchasan ionadail a bhi air an teagasg os cionn eachdraidh àbhaisteach? Tha Maoileas Chaimbeul, Calum Mac Nèill agus Gordon Camshron a' toirt am beachdan.

An t-seachdain 'sa chaidh thug sinn sùil air ceannardan stàit a bha nan iodhalain 's na stàitean aca fhèin. Bha sin air sgath gun robh spèis mhòr aig daoine dhaibh no bha eagal am beath aca romhpa. Nam measg bha Enver Hoxha a bha na cheannard air Albania fad bhliadhnaichean. Còrr agus deich thar fhichead bliadhna as dèidh a bhàis, cluinnidh sinn mu dheidhinn a Chomannach seo agus mar a bha e a' riaghladh chùisean. Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air a bhith a' rannsachadh a bheatha. Tha Niall Mitchison a' toirt iomradh air an t-suidheachadh phoilitigeach ann an Albania an-diugh.
Agus cò a chreideadh gun robh Taigh-òsta ri lorg aig mullach Beinn Nibheis aig aon àm, an cuide ri toglaichean eile. Ach 's ann mun stèisean aimsir a tha Calum Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn.

57 minutes

Last on

Wed 15 Nov 2017 21:00

Broadcasts

  • Wed 15 Nov 2017 09:00
  • Wed 15 Nov 2017 21:00