
An t-Urr Calum MacMhathain nach maireann 1991
2/2. Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1991 còmhla ris an Urr Calum MacMhathain nach maireann. Gaelic archive service from 1991 conducted by the late Rev Calum Matheson.
Air an t-seachdain seo a-rithist cluinnidh sibh an t-Urramach Calum MacMhathain a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC. Chaidh an t-seirbheis a chlà radh ann an Eaglais Shaor Greyfriars ann an Inbhir Nis ann an 1991 agus a chraoladh air 15 Dùbhlachd.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is na leughaidhean a leanas:
Salm 22: 22-23 air fonn Kilmarnock agus ' s e Coinneach Mac a' Ghobhiann a tha os cionn na seinn.
Salm 119: 63-64 air fonn Torwood agus 's e Calum Moireasdana tha os cionn na seinn .
Leughadh: Malachi 3: 10-18
Ceann-teagaisg: Malachi 3: 16-17
Rugadh Calum MacMhathain ann an 1948 agus cha robh anns an teaghlach ach e fhèin. Chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh agus bha e am measg buidheann bhalach anns a' bhaile air an robh na Torquil Terrace Boys.
Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail agus dh'fhà g e an sgoil aig sia bliadhna deug a dh'aois. Chaidh e an uairsin a Lunnainn far an d' fhuair e obair san t-Seirbheis Chatharra.
Bha guth sònraichte là idir aig Calum agus bha sin gu math follaiseach bho là ithean òige. Nuair a bha e anns a' bhun-sgoil, bhuannaich e am bonn òr aig a' mhòd ionadail airson seinn. Bha ùidh mhòr aige anns a' Ghà idhlig agus ann a bhith ga dìon.
Thòisich Calum air beatha Chrìosdail a leantainn nuair a bha e ann an Lunnainn agus, le cà irdeas is coibhneas bho Ghà idheil Lunnainn, thà inig e gu bhith na bhall dhan choitheanal anns an Eaglais Shaor an sin. Bha ùidh mhòr aige anns na h-òraidean aig an Dr Mà rtainn Lloyd Jones agus bha e na bhall dhan chòisir nuair a bha Billy Graham a' searmonachadh anns a' bhaile. Thoisich Calum a' searmonachadh an toiseach nuair a bha e ann an Lunnainn.
Aig fìor dheireadh na trì ficheadan, ghluais e a Ghlaschu far an robh e na bhall de choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus 's ann nuair a bha e an sin a fhuair e stiùireadh airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Nuair a dh'fhà g Calum an sgoil cha robh e air deuchainnean a shuidhe aig à rd-ìre agus le sin b' fheudar dha a dhol gu clasaichean oidhche. Rinn e adhartas air leth le foghlam aig à rd-ìre agus fhuair e teisteanas san oilthigh ann an litreachas agus eachdraidh na h-Alba. A bharrachd air an sin bha e a' dol gu clasaichean prìobhaideach airson a Ghà idhlig a leasachadh.
Chaidh Calum gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann bho 1977 gu 1980 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist far an robh e na mhinistear airson aon bliadhna deug. Chaidh a ghairm gu Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis ann an 1991 far an do bhrosnaich e an coitheanal ann an iomadach dòigh.
Bhà saich e ann an 1992 às dèidh trioblaidean lannsa.
Bidh cuimhne aig mòran air an t-Urramach MacMhathain mar shearmonaiche air leth: duine mòr agus bha meas mòr aig gu leòr air. Bhiodh e tric ri chluinntinn ag rà dh "Tha an Tighearna math, Oh tha an Tighearna math" .
Last on
An t-Urr Calum MacMhathain nach maireann

Broadcasts
- Sun 18 Mar 2012 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Mar 2012 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Oct 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Oct 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Jul 2019 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Jul 2019 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 May 2021 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 May 2021 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Apr 2024 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal