
An t-Urr Iain MacAsgaill, Eaglais Shaor Shruighlea
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill, Eaglais Shaor Shruighlea. Gaelic service conducted by the Rev Iain MacAskill, Stirling Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh an salm agus na laoidhean a leanas:
Salm 32: 1-2 air fonn St David le Gordon MacLeòid os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Na h-Alba ann an Paibeil, an Uibhist a Tuath
A' seinn an laoidh "Mu Choinneamh Cathair Dhè" tha Norrie MacÌomhair agus Sìneag Nic an t-Saoir
A' seinn "An Crìosd a-mhà in tha Calum Ailig Mac a' Mhaoilein agus a' seinn "Alleluia Cliù do dh'Iosa" tha Muriel Urchardan le taic bho Cheiteag NicNèill agus Mairi Flòraidh NicFhionghuin.
Leughadh: Eòin 5: 16-30
Ceann teagaisg: Eòin 5: 16
Rugadh an t-Urr MacAsgaill ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-staigh airson a bhith na mhinistear, bhiodh e a' cur fà ilte chridheil air luchd-siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port-adhair Bheinn na Fadhla far an robh e ag obair aig BA airson trì bliadhna deug.
B' ann ann an 1997 a thòisich e a' searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdail. Bha an coitheanal aige air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Bha Iain ann an Uibhist airson dusan bliadhna agus thairis air an ùine sin,stèidhich e Urras a' Chala airson cuideachadh le daoine a bha fulang le trioblaidean dibhe. Tha e fhathast na chathraiche air an urras ged nach eil e a' fuireach anns a' sgìre.
Bha an t-Urr MacAsgail còrr air ceithir bliadhna ann an Ros Cuithne, 's an eaglais eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain agus bha mu 250 anns a' choitheanal aige. A bharrachd air obair na paraiste, bha obair chudromach eile aige agus e os cionn cùram spioradail Sgioba Ball-coise Ross County. Ged a tha e air an sgìre fhà gail agus a-nise stèidhichte ann an Sruighlea, tha e fhathast a' coimhead às dèidh feumalachdan spioradail na sgioba. Tha e cuideachd na Iar-Chathraiche air Bòrd na h-Eaglaise Saoire airson obair eadar-nà iseanta agus na bhall de dh'Ùghdarras Ministearan Moldova.
Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca, Kathryn. Tha ùidh mhòr aige ann am ball-coise agus ann an ceòl, 's luchd-ciùil, leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash gu mòr a' còrdadh ris.
Last on
An t-Urr Iain MacAsgaill

Broadcasts
- Sun 19 Nov 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Nov 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Jul 2018 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Jul 2018 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal