
Coinneach madainn Dimà irt
Am bu chòir do luchd poilitigs a bhi an sàs ann am prògraman telebhisean leithid I'm a Celebrity Should politicians take part in reality TV programmes such as 'I'm a Celebrity'?
Tha coltach gu bheil Kezia Dugdale, a bha na ceannard air Partaidh Là barach na h-Alba, an impis a dhol a-steach dhan choille ann an Astrà ilia airson pà irt a ghabhail anns a' phrògram telebhisean "I'm A Celebrity Get Me Out Of Here". Chuir an naidheachd seo mòr iongnadh air a mhòr-chuid agus tha gu leòr air a bhi ga cà ineadh anns na meadhanan agus air loidhne's iad dhen bheachd nach e dol-a-mach freagarrach a tha seo do thè a tha fhathast na Ball-Pà rlamaid Albannach. Am bu chòir do luchd poilitigs a bhi an sàs ann am prògraman ma seo, agus dè an cron no am feum a ni e dhan ìomhaigh aca?
Tha trì fichead 'a deich bliadhna bho phòs a' bhana-phrionnsa Ealasaid agus Lieutenant Philip Mountbatten ann a Westminster Abbey agus is iad a' chiad chupall Rìoghail a-riamh a th'air a bhi pòsta cho fada. Thar nam bliadhnaichean tha a' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip air a bhi tro na h-aon dùbhlain agus na h-trioblaidean ri teaghlach sam bith ach le uallach agus dleastanas a' Chrùin nan lùib. Ciamar a mhair iad cho fada còmhla agus carson a tha iad cho cudromach do mhuinntir na Rìoghachd?
Tha an staing ann a Zimbabwe fhathast a' leantainn agus gun mòran coltas gu bheil an ceann-suidhe Raibeart Mugabe a' dol a sheasamh gu aon taobh mar a chaidh iarraidh air. 'S i a bhean, Grace, a th'aig cridhe na th'air a bhi a' dol oir chuir Mugabe an iar cheann-suidhe a-mach às an dreuchd agus e ag amas gur e Grace a ghabhas à ite fhèin, a' riaghladh na dùthcha. Cluinnidh sinn an tuilleadh mun bhoireannach chonnspaideach air a bheil am far-ainm "Gucci Grace".
Agus sgeulachd agus eachdraidh Black Rod, aig a bheil dreuchd eachdraidheil ann an Taighean nam Pà rlamaid. Cuideachd iomradh air Sarah Clarke, a chaidh a h-ainmeachadh mar a' chiad bhoireannach ann an sia ceud gu leth bliadhna a bhios a' dèanamh na h-obrach. coinneach.co.uk.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 21 Nov 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 21 Nov 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal