Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin

Cò a bh' ann an Ratko Mladic is dè a' bhuaidh a bh' aig Cogadh Bhosnia air an Roinn Eòrpa? Who was Ratko Mladic and what impact did the Bosnian War have on Europe?

Chaidh binn beatha a thoirt dha Ratko Mladic an-dè airson eucoirean cogaidh ann am Bosnia anns na 90an. Bha Mladic os cionn cuid de na feachdan Serbach ann am Bosnia ann an Sèist Sharajevo agus ann an Srebrenica far an deach na mìltean a mharbhadh. Ach carson a thug e cho fada a thoirt gu lagh - agus dè a' bhuaidh a thug Cogadh Bhosnia air an Roinn Eòrpa gu lèir chun a' latha an-diugh?

Tha 75 bliadhna ann an-dràsta fhèin bhon a chaidh sèist-cogaidh eile a dhaingneachadh. B' e sin sèist agus blàr Stalingrad san Dàrna Cogadh. Tha an t-eòlaiche eachdraidh Niall Bartlett còmhla ri Coinneach airson beachdachadh air cho cudromach 'sa bha an t-àm sa den chogadh, ann a bhith a' fàgail gun do chaill na Gearmailtich anns an Ruis, agus sa chogadh gu lèir.

Agus tha Ruairidh MacIlleathain cuideachd air ais le sùil air eachdraidh eile a tha sinn a' comharrachadh am bliadhna - Sgaradh nan Innseachan. Chaidh na milleanan am fuadachd eadar Pagastan is na h-Innseachan nuair a dh'fhàg Breatainn na dùthchannan sin, is na mìltean mòra air am marbhadh. Cò bh' anns a' Mhorair Mountbatten, an riaghladair Breatannach mu dheireadh a bha os cionn nan Innseachan?

57 minutes

Last on

Thu 23 Nov 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 23 Nov 2017 09:00
  • Thu 23 Nov 2017 21:13