Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mòrag Nicleòid - A h-òige ann a Sgalpaigh

A h-òige ann a Sgalpaigh agus a' falbh dhan sgoil a dh'Inbhir Nis aig aois 11. Morag Macleod talks of her early life in Scalpay and leaving home for secondary school at 11.

Tha a' bhan-Sgalpach Mòrag Nicleòid air a bhith comharrachadh gu bheil i air aois 80 bliadhna a ruighinn am bliadhna le ceilidh mòr ann Talla Sgalpaigh aig toiseach na Sultain mar phàirt de dh' Fhèis Blas. Thagh i fhèin na seinneadairean agus an h-òrain airson a' cheilidh agus abair gu robh taghadh ann a sin, agus ciamar nach biodh? Chuir Mòrag Nicleòid seachad faisg air 40 bliadhna aig Sgoil Eòlais an h-Alba am measg ceòl agus òrain Ghàidhlig eadar a bhith dhan cruinneachadh, dhan sgrìobhadh, a' teagasg mun deidhinn agus dhan ionnsachadh do chàch.

Anns an t-sreath phrògraman seo tha i ann an còmhradh ri Dòmhnall Camshron mu beatha eadar Sgalpaigh 's Dùn Èideann agus an iomadh rubha eile ris an do shuath i na cuid obrach. Sa chiad program tha i ag innse mu h-òige ann a Sgalpaigh agus mu bhith falbh dhan sgoil a dh' Inbhir Nis aig aois 11.

30 minutes

Last on

Sun 3 Dec 2017 10:00

Broadcasts

  • Tue 28 Nov 2017 12:00
  • Tue 28 Nov 2017 22:00
  • Sun 3 Dec 2017 10:00