Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich 2003

Seirbheis airson an dàrna Dòmhnach den Aidmheint còmhla ris a' Chanan Iain A Mac a' Bhreatannaich 2003. Service for the second Sunday of Advent by Canon JA Galbraith in 2003.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Peadair a' seinn 'A Righ nan Ainglean'
Còisir Loch a Tuath a' seinn 'Leanabh an Àigh'
Còisir Eaglais Reul na Mara ann am Bagh a' Chaisteil a' seinn 'Taladh Chriosda'

Leughaidhean :
Sephaniah 3: 14-18
Philipianaich 4: 4-7
Lùcas 3: 1-18

Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich neo 'an Canan' mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Òban nuair a bha e gu math òg. B' ann às dèidh sin, 's gun e ach dusan bliadhna a dh'aois, a dh'fhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus làidir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dh'ionnsaigh dreuchd na sagartachd.

Às dèidh dreuchd sagairt a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus 's ann as an dearbh pharaiste a chrìochnaich e na làithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig bha e cuideachd na shagart ann an sgìrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Òban.

Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh. Bha e airson daoine a thàladh air ais dha na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon àireamh dhaoine a thàinig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, san Òban agus an Uibhist nuair a bhàsaich e gu h-obann ann an 2006.

Bha ùidh mhòr aig a' Chànan anns a' Ghàidhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgìrean is e an còmhnaidh deònach pàirt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman Gàidhlig. Bha ùidh aige anns a' choimhearsnachd a bha e a' frithealadh, agus e an còmhnaidh a' toirt taic agus a' feuchainn ris a' chànan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-ùrnaighean anns a' Ghàidhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air làrach-lìn na sgìr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strì agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig àrd-ìre a ghleidheadh san àrd-sgoil anns a' sgìre.

30 minutes

Last on

Sun 10 Dec 2017 21:00

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich

Credit

Role Contributor
Producer Angela MacKinnon

Broadcast

  • Sun 10 Dec 2017 21:00