Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Dimàirt

An-diugh tha sinn a' comharrachadh fichead bliadhna bho dh'fhosgail drochaid Sgalpaigh. We mark 20 years since the opening of the Scalpay Bridge. bbc.co.uk/coinneach.

An-diugh tha sinn a' dol dhan tasglann airson comharrachadh gu robh fichead bliadhna ann air an deireadh sheachdain a chaidh seachad bho dh'fhosgail drochaid Sgalpaigh agus bho rinn a' chiad tè de mhuinntir an Eilean a slighe tarsainn na drochaid. B' ise Kirsty Mhoireasdan a bha 102 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chosg an drochaid £6.4m not agus 's ann ochd mìosan an dèidh sin a bha am fosgladh oifigeil ann nuair a thadhail Tony Blair, Prìomhaire na dùthcha aig an àm. An-diugh cluinnear bho na daoine ris an do bhruidhinn Coinneach nuair a sheòl e air an aiseig mu dheireadh dhan eilean air an latha mas deach Kirsty tarsainn airson a' chiad uair.

Cuideachd, tha a' bhuidheann Àrainneachd Eachdraidheil Alba air dearbhadh gur e Caisteal Suain ann an Cnapadal, an caisteal a b' aosmhor ann an Alba a tha fhathast na sheasamh. As t-Samhradh chaidh Coinneach sgrìob a dh' Earra Ghàidheil agus fhuair e cothrom sealltainn air a' chaisteal an cuideachd Chairistìona Nic an t-Saoir a tha fuireach anns an sgìre. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 19 Dec 2017 21:00

Broadcasts

  • Tue 19 Dec 2017 09:00
  • Tue 19 Dec 2017 21:00