Main content
Sorry, this episode is not currently available

Electric Honey Records aig 25

Prògram sònraichte a' comharrachadh gu bheil Electric Honey Records 25 bliadhna. A special show celebrating 25 years of Electric Honey Records. bbc.co.uk/rapal.

Tha còig thar fhichead bliadhna ann bho chaidh an record label ainmeil ann an Glaschu, Electric Honey, a' stèidheachadh. 'S e leubail gu math sònraichte a th'ann is e air a' ruith le oileanaich. Tha na h-oileanaich a tha a' dèanamh a' chùrsa Ceòl is Gnìomhachas aig Colaiste Kelvin a' dèanamh an obair gu lèir a thaobh an leubail le taic bho luchd teagasg a' chùrsa agus an stiùiriche Ken McCluskey. Tha iomadh còmhlan air ceòl ùr fhoillseachadh le taic bho Electric Honey thairis nam bliadhnaichean le còmhlain ainmeil leithid Snow Patrol, Belle and Sebastian agus Biffy Clyro air nochdadh air.

Anns a' phrògram a-nochd cluinnidh sibh agallamhan agus ceòl bho na còmhlain a tha agus a bha air an leubail seo, agallamh le Ken McCluskey a tha a' ruith a' chùrsa gnìomhachais ciùil aig Colaiste Kelvin agus na h-oileanaich cuideachd. bbc.co.uk/rapal.

Release date:

2 hours