Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Dimàirt

Còmhraidhean is clàraidhean a rinn Coinneach is e am muigh air chuairt as t-samhradh. A compilation of out and about pieces recorded over the summer. bbc.co.uk/coinneach.

As t-samhradh am bliadhna, ghabh Coinneach corra chuairt air feadh an dùthaich . An-diugh cothrom eile èisteachd ri cuid de na cuairtean sin.

Am measg nan clàraidhean tha turas gu Fèill Àiteachais Rìoghail na Gàidhealtachd air am muigh Dhùn Èideann. An sin fhuair Coinneach cothrom bruidhinn ri Gàidheil aig an robh stoc sna farpaisean agus cuid eile bha a' gabhail sgrìob timcheall na fèille fhèin.

Cluinnidh sibh cuideachd mar a tha a' dol do mhuileann-clòtha ann an Griomasaigh ann an Uibhist a Tuath.

Ann an Glaschu bha Coinneach, Iain MacAmhlaigh, agus Ailean MacAoidh a' faicinn cuid de na tha fo Stèisean Meadhan Ghlaschu agus a' cluinntinn beagan mu eachdraidh an stèisean trèana seo.

Agus tha Coinneach cuideachd san Eilean Sgitheanach le cothrom eile cluinntinn mu thrioblaidean còmhdhail is sgudal air a' Chuith-Raing agus taigh-tasgaidh dhìneasaran ann an Stafainn. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Boxing Day 2017 21:00

Broadcasts

  • Boxing Day 2017 09:00
  • Boxing Day 2017 21:00