Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Dimàirt

Cothrom eile èisteachd ri cuairtean samhraidh Choinnich an uiridh. bbc.co.uk/coinneach. Another chance to listen back to some of Coinneach's summer trips of 2017.

An-diugh cothrom eile èisteachd ri cuairtean samhraidh Choinnich,eadar baile Dhùn Dè agus Earra-Ghàidheil.

As t-samhradh chaidh e air chuairt timcheall bhaile Dhùn Dè còmhla ri Iain Moireasdan. Tha Iain air a bhith a' fuireach ann fad bhliadhnaichean agus tha e ag innse dha Coinneach mu sgìrean eadar-dhealaichte a' bhaile a chithear bho mhullach Chnoc Dhùn Dè. Thadhail iad cuideachd air na Verdant Works, seann mhuileann jute a tha a-nise na thaigh-tasgaidh.

Ann am Baile Fharfair a tha ainmeil airson na bridies aca, shuidh Coinneach sìos còmhla ri dithis Leòdhasaich a tha a' fuireach ann an Sgìre Aonghais airson balgam teatha bridie à Baile Fharfair agus còmhradh mun bhaile is mun sgìre.

Air turas eile chur Coinneach latha seachad ann am Meadhan Earra-Ghàidheil còmhla ri Cairistiona Nic an t-Saoir. Sheall ise iomadach làrach sònraichte dha is cluinnidh sibh mu aonan dhiubh: Uamh Chaluim Chille. Tha Coinneach cuideachd a' còmhradh ri Raibeart Mac a' Phiocair, an duine mu dheireadh a tha le Gàidhlig an àite ann an Ceann Loch Gilb.

Agus bidh beagan ceòl sa phrògram bho nuair a chaidh Coinneach a chèilidh air an seinneadair Griogair Labhraidh. Ged a tha Griogair gu math trang air feadh an t-saoghail is e a' seinn is a' cluich, tha pròiseact sònraichte aige air Taobh Tuath Bhaile a' Chaolais, far a bheil e a' dèanamh ath-sgeadachadh air seann taigh agus e an dòchas ionad cultarail a dhèanamh dheth. bbc.co.uk/coinneach.

1 hour

Last on

Tue 2 Jan 2018 21:00

Broadcasts

  • Tue 2 Jan 2018 09:00
  • Tue 2 Jan 2018 21:00