Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Gaelic service conducted by Rev Iain Smith, Free Church (Continuing) Harris.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 102: 25-27 air fonn Martyrdom agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e Alasdair MacNeacail a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Salm 36: 8-9 air fonn Moravia agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughadh Salm 90: 1-16
Ceann-teagaisg: Salm 90: 12

Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-staigh airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016.

30 minutes

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

Broadcasts

  • Sun 7 Jan 2018 09:00
  • Sun 7 Jan 2018 15:00
  • Sun 8 Jul 2018 09:00
  • Sun 8 Jul 2018 15:00