Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diciadain

Tha 75 bliadhna ann bho chaidh drochaid fhiodh a thogail air an Abhainn Kwai. We mark 75 years since a wooden bridge was built over the River Kwai by Allied PoWs.

Carson a tha feachdan Tuirceach a' sabaid ann an sgìre Afrin ann an Syria. Tha Derek MacAoidh a' mìneachadh an t-suidheachadh dhuinn.

Tha Buidheann Banca Lloyds air ainmeachadh nach eil e gu bhith ceadaichte bitcoins a cheannach air na cairtean-creideas aca tuilleadh. Tha na bitcoins air an toirmeasgte air sgàth 's gu bheil am banca draghail gu bheil daoine a tha gan ceannach gan cur fhèin ann am fiachan nach gabh pàigheadh air ais a chaoidh. A bheil e ceart do Bhuidheann Banca Lloyds seo a' dhèanamh agus dè a' bhuaidh a bheir seo air luach nam bitcoins? Gheibh sinn beachd an t-eòlaiche Ionmhais Coinneach MacMhathain agus an t-eòlaiche-teicneòlais Dòmhnall Iain Dòmhnallach.

Tha trì fichead sa còig bliadhna deug bho thog prìosanaich cogaidh drochaid fhiodha tarsainn air an Abhainn Kwai. Cluinnidh sibh an-diugh còmhradh a bh' aig Coinneach le Ruairidh Moireasdan mu thuras a rinn e chun na drochaid bho chionn naoi bliadhna fichead air ais.

Agus cluinnidh sinn mar a chaidh dha Fiona Dunn nuair a chur sinn dùbhlan mu coinneamh a' dhol a bhùth charthannais agus trì leabhraichean a cheannach airson nas lugha na còig notaichean. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 7 Feb 2018 21:00

Broadcasts

  • Wed 7 Feb 2018 09:00
  • Wed 7 Feb 2018 21:00