
Coinneach air Diciadain
Prionnsapal ùr Sabhal Mòr Ostaig air aoigheachd 's ceist mu à ite spòrs am poilitigs. Coinneach chats to SMO's first female principal and discusses the role of sport in politics.
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn anns a' chathair le prògram uair a thìde, a tha a' ruith air diofar chuspairean laitheil.
Tha luchd-smà laidh air a bhith trang air a' Ghà idhealtachd 's na h-Eileanan air an t-seachdain seo le falaisgear. Dè cho faiceallach 's a dh' fheumas daoine a bhith airson a bhith cinnteach nach tèid falaisgear a-mach à rian agus dè an dòigh as sà bhailte a dhèanamh?
Bidh Coinneach ann an còmhradh ri Gillian Rothach, Prionnsapal ùr Sabhal Mòr Ostaig agus a' chiad boireanneach a th' air a bhith os cionn na colaiste.
Bhà saich Roger Bannister bho chionn beagan là ithean - ainm a bh 'air bilean an t-sluaigh bhon a rinn e a' chùis air mìle a ruith taobh a-staigh ceithir mionaidean ann an 1964. Air an t-seachdain seo cuideachd, tha an sà r-bhaidhseagalair, Sir Bradley Wiggins anns na naidheachdean a-rithist 's buidheann de bhuill-pà rlamaid air a rà dh gu bheil ceistean mòra rin togail mu mar a bha drogaichean gan cleachdadh anns na rèisean san robh e an sà s. An e seo an à bhaist airson spòrs a-nise? A bheil e do-dhèante dhan bhodhaig nà darra ìrean ùra a ruighinn, mur a bi drogaichean gan cleachdadh ann an dòigh air choireigin?
Bho chionn ghoirid tha còmhradh air a bhith a' dol eadar Coiria a Tuath is Deas, 's iad a' feuchainn ri cà irdeas ùr, sìtheil a chruthachadh. Chaidh fà ilte a chuir air mar a thà inig na dùthchannan comhla aig Geamannan Oilimpigeach a' Gheamhraidh. Tha cuid dhen bheachd gur e seo a thug orra a bhith a' bruidhinn ri chèile às ùr aig ìre dioplòmasach. Cha b 'e seo a' chiad turas a tha spòrs air deagh bhuaidh a thoirt air suidheachaidhean poilitigeach, ach an e buaidh a mhaireas a th' ann?
www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 7 Mar 2018 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Mar 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal