
Episode 192
Iomairt an Earraich a' leantainn agus Blà r Bapaume a' tòiseachadh. The Spring Offensive continues and the Battle of Bapaume begins.
Bha Iomairt an Earraich, a thòisich air an 21mh den Mhà irt 1918, a' leantainn le na Gearmailtich a-nise comasach air Paris a ruighinn le na gunnaichean mòr aca, rud a rinn iad son a' chiad uair air an treas là fichead.
Bha feachdan Bhreatainn gan sìor phutadh air ais cuideachd. Stèidhich iad loidhne-dìon ùr gu deas agus an iar air baile St Quentin air an treas là fichead, ach cha b' fhada gun tà inig seo fo ìmpidh throm o na Gearmailtich, agus bha an call-beatha à rd. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill ainmean cuid de na chailleadh.
Thòisich Blà r Bapaume, mu dheich air fhichead mìle tuath air St Quentin, air an 24mh is mhair e dà latha. Chaidh Bapaume fhèin agus baile Peronne, mu chòig mìle deug gu deas, a ghabhail thairis leis a' Ghearmailt. Chaidh 30,000 saighdear Breatannach a thoirt nam prìosanaich air an latha seo a rèir a' chunntais oifigeil Ghearmailteach.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 290318
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 29 Mar 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 30 Mar 2018 11:50ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal