
Seirbheis Didòmhnaich Na Cà isge - Mgr Calum MacIllFhialain 1986
Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge bho 1986 còmhla ri Mgr Calum MacIllFhialain (nach maireann). Easter Sunday service from 1986 with the late Fr Calum MacLellan.
Rugadh Mgr Calum ann an Glaschu ann an 1926 agus an teaghlach air gluasad a Ghlaschu airson ùine ghoirid, ach cha do chòrd e riutha agus thìll iad air ais a dh'Èirisgeigh. Cha robh dad a chuimhn' aige fhèin air Glaschu agus bha e air leth toilichte gun do thill iad a dh'Èirisgeigh. 'S ann aig a' Chà rnain a bha iad a' fuireach an toiseach gus an do ghluais iad chun a' Choilleig far a bheil dachaigh an teaghlaich fhathast.
Bha mu 100 sgoilear ann an Sgoil Èirisgeigh nuair a chaidh Mgr Calum innte agus bha trì tidsearan aca, ach cha robh aon duine aca a' teagasg Gà idhlig. B' ann nuair a bhiodh iad a' seinn òrain bheaga an aon chothrom a bha iad a' faighinn air a' Ghà idhlig a chleachdadh san sgoil.
Bha Mgr Calum 14 bliadhna nuair a thà inig ceist mun an t-sagartachd an à irde. Bha a mhà thair a-muigh a' bleoghain na bà agus 's e sin an aon à m a gheibheadh tu bruidhinn rithe leatha fhèin. Chaidh e mach far an robh i agus thuirt e rithe gun robh e ag iarraidh a bhith na shagart. Thòisich ise air rà naich agus dh'iarr e oirre an naidheachd innse dha athair. Nuair a chuala athair an naidheachd thuirt e, "Carson a tha thusa ag iarraidh seo 's tu cho mì-mhodhail?".
Chaidh Mgr Calum gu Colaiste Blairs faisg air Obar Dheathain airson trèanadh a bhith na shagart. Nuair a rà inig e a' cholaiste cha robh ainm air liosta an fheadhainn a bha a' tighinn airson a' chiad uair. Aig an à m, bha agad ris a h-uile sian a bhuineadh dhut a thoirt don fheadhainn a bha ruith na colaiste, agus bha esan air mòran airgid fhaighinn bho nà baidhean agus cà irdean nuair a dh'fhà g e an t-eilean. Dh'fhaighnich an t-sagairt a choinnich ris an robh airgead aige. Thòisich e air na bh' aige a dhraghadh a-mach à phòcaid. "Ah, uill," ars an t-sagairt, "Faodaidh tu fuireach greis, co-dhiù!"
Chuir e seachad trì bliadhna a' dèanamh Seirbheis Nà iseanta. Thairis na bliadhnaichean sin bha e ann an Gibraltar, an Èipheit agus a' Ghrèig. Mar a thuirt e fhèin, "Bha e dìreach uabhasach. Cha robh car agad ri dhèanamh ach coiseachd agus mairdseadh agus smocadh." Ach chaidh an cuir a-null gu Thessalonika sa Ghrèig an uairsin agus chòrd sin ris glan.
Ach bha gairm chun an t-sagartachd fhathast ann agus thill e dhan cholaiste, an turas seo dhan Ròimh airson sia bliadhna. Chòrd an Ròimh ris gu mòr, na mìltean a' gabhail pà irt anns na seirbheisean agus gu sònraichte aig à m a' Charghais.
Thill e air ais a dh'Alba ann an 1953 gu bhith na shagart an toiseach anns an Òban, an uair sin ann an Dùn Omhain, dìreach nuair a thà inig na h-Ameireaganaich agus na bà taichean-aigeil niùclasach.
Fhad 's a bha e na shagart bha e a' frithealadh paraistean leithid Dhailibroig, Bhòrnais - a' chiad paraiste a bh' aige fhèin - agus bha e cuideachd sa Bhà gh a Tuath, am Beinn na Fadhla agus ann am Bà gh a' Chaisteil agus 's ann an Èirisgeigh a' chrìochnaich e a bhliadhnaichean na shagart paraiste.
Bha Mgr Calum na Iar-fhear-gairm air Comhairle nan Eilean, a' chiad chomhairle a chaidh a stèidheachadh. Air sgà th obair na comhairle, choinnich e ri mòran dhaoine bhon riaghaltas agus an teaghlach rìoghail, leis a' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip, agus Teà rlach 's Diana nam measg.
Bha e dà bhliadhna gann de leth-cheud bliadhna na shagart nuair a leig e dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann a 2002. Tha riaghailtean na h-eaglais a' ceadachadh do shagart a dhreuchd a leigeil dheth aig 75 agus 's e sin a rinn e. Nuair a chaidh an cabhsair a thogail, bha e na b' fhasa do shagairt à Uibhist a Deas a dhol a dh' Èirisgeigh agus 's e sin a thachair. Cha robh e a' cumail cho math ach, nuair a fhuair e a shlà inte air ais, thòisich e siubhail gu à iteachan thall sa bhos agus chuir e seachad ùine san Spà inn na shagart turas neo dhà .
Chur e seachad na là ithean mu dheireadh aige air eilean à raich, a' cumail sheirbheisean sheachdaineil ri muinntir na paraiste agus an sàs ann an rudan sa choimhearsnachd thall sa bhos. Ghabh e pà irt san t-sreath ainmeil , An Island Parish, còmhla ri sagairt eile san sgìre.
Anns an Iuchar 2012 thà inig sgleò mhòr air Eilean Èirisgeigh, agus na h-eileanan eile mun cuairt, nuair a sgaoil an naidheachd gun do dh'eug Mgr Calum ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhirnis às dèidh bhith ann grunn sheachdainean.
Last on
Mgr Calum MacIllFhialain

Broadcast
- Sun 1 Apr 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal