01/05/2018
Dè a tha coir a dhèanamh le taighean air an tuath a tha falamh anns na h-Eileanan an Ìar? What should we do with empty houses in the Western Isles?
Tha na peathraichean Bronte air a bhith anns na naidheachdan o chionn goirid agus am Bronte Society a' comharrachadh 125 bliadhna. Tha Seonag Monk còmhla rinn airson innse dè a dh'fhà g na peathraichean Bronte cho soirbheachail. Gheibh sinn cuideachd beagan mu eachdraidh na h-ama as an robh iad beò.
Sheall rannsachadh gu bheil 8% de thaighean air an tuath anns na h-Eileanan an Iar falamh. Tha Còmhairle nan Eilean Siar a' toirt sùil air a seo le mar a tha sgìrean dùthachail nan eilean gann de thaigheadas do dhaoine òg. Dè a tha còir a dhèanamh le na taighean seo? Am bheil e nas fheà rr an sgeadachadh, no taighean ùr a thogail do dhaoine òga?
Am bheil e cudromach gum mol sinn caileagan anns an aon dòigh is a mholadh sinn balaich? Am bheil e ceà rr innse do nighean gu bheil i brèagha ach aig an aon à m, do bhalach gu bheil e comasach air ruideigin a dhèanamh. Am bheil sinn mar phà rantan a' toirt cus à ite do bhòidhchead chlann-nighean, agus am bheil còir againn a bhith faiceallach le na chanas sinn. Cluinnear bho dhithis phà rantan is iad le chèile le aon bhalach agus aon nighean.
bbc.co.uk/feasgar.