
Ailig Greumach
Iain MacIlleMhìcheil le ceistean pearsanta do Ghà idheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well-known Gaels some personal questions.
Rugadh is thogadh Ailig Greumach ann am Borgh air taobh siar Eilean Leòdhais. Chaidh oideachadh ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e le urram ann am fiosaigs. Rinn e a dhreuchd ann an cunntasachd agus tha e air a bhith a' tà mh ann an Inbhir Nis bho 1979. Tha e air a bhith an sàs ann an Comhairle Sgìreil Inbhir Nis agus ann an Comhairle na Gà idhealtachd thar iomadh bliadhna agus bha e na Phròbhaist bho 2012 gu 2015.
A bharrachd air na bhios e a' caitheamh de dh' ùine ann an riaghaltas ionadail, tha mòr-ùidh aige ann an cultar na Gà idhlig, coimpiutaireachd, eachdraidh agus ball-coise, gu h-à raidh Inverness Caley!
Anns an dà rna prògram den t-sreath, cluinnidh sinn dè an rud a b'fheumaile a dh'ionnsaich a phà rantan dha, dè an dreuchd a bha e airson a leantainn nuair a bha e a' fàs suas agus gheibh sinn a-mach cò an ceathrar a bheireadh esan gu dinnear?
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 7 May 2018 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 7 May 2018 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 May 2018 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Jun 2018 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 31 Dec 2018 11:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal