
Episode 198
Eilean Thiriodh a' togail airgead mòr dhan chogadh agus sgeulachd Sheumais Mhicleòid. The Isle of Tiree raises a huge sum for the war effort and the story of James Macleod.
Às leth boireannaich na rìoghachd bha a' Bhanrigh Mà iri air sgrìobhadh, an t-seachdain sa bho chionn ceud bliadhna, gu na fir a bha sabaid ag innse cho moiteil agus a bha i ast' agus bha Sir Dùghlas Haig air freagairt.
Ann an Tiriodh choinnich comataidh a chaidh a stèidheachadh airson airgead a thogail mar phà irt de dh'iomairt air an robh Scottish War Weapons Week. Dh'innis an t-Urramach Iain Stiùbhart gu robh muinntir an eilein air suim mhòr a chruinneachadh - luach aon phlèan 'Scout' agus deich grad-ghunnaichean.
Faisg air Ypres chaidh Seumas MacLeòid à Calanais ann a Leòdhas a mharbhadh. B' e an aon mhac a bh' aig Iseabail NicLeòid a bha a' fuireach aig an à m ann an Steòrnabhagh. Cha robh Seumas ach còig bliadhna deug is dà sheachdain nuair a ghabh Rèisimeid Earra-Ghà idheal agus Shutharlann e, an dèidh dha a rà dh gu robh e seachd bliadhna deug is dà mhìos. Cha deach lorg fhaighinn air corp Sheumais a-riamh agus cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mun litir thiamhaidh a sgrìobh a mhà thair gu Oifis Clà raidh an Airm ann am Peairt.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 100518
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 10 May 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 11 May 2018 11:50ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal