
Coinneach madainn Diciadain
Cò bh' ann an Galileo agus dè th'anns an t-siostam de shaidealan dhen aon ainm? Who was Galileo and what is the proposed European system of satellites that bear his name?
An-diugh tha Coinneach a' faighinn a-mach cò bh' ann an Galileo - am feallsanaiche agus fear-saidheans ainmeil às an Eadailt. Tha ainm air nochdadh sna naidheachdan bho chionn ghoirid co-cheangailte ri siostam de shaidealan-stiùiridh, a tha an t-Aonadh Eòrpach air a bhith a' maoineachadh. Cluinnidh Coinneach bho Sheumas Moireasdan agus Dòmhnallach mun siostam seo, agus mar a dh'fhaodadh Breatainn a bhith air a glasadh a-mach aiste.
Às dèidh reifreann chonnspaideach ann am Poblachd na h-Èireann, tha casg-bhreith air nochdadh air a' chlà r phoilitigeach san dùthaich sa. Bidh Èirinn a' Tuath air a fà gail leis na laghan as tinne ann am Breatainn no Èirinn, ach carson a tha an lagh cho eadar-dhealaichte air an dà thaobh de Shruth na Maoile? Agus dè dìreach a tha an lagh a-sin, agus air feadh na rìoghachd, ag rà dh?
Mu dheireadh, bheir Coinneach sgrìob a-null a dh'Albainn Nuadh airson cluinntinn mu eachdraidh-beatha Maighstir Gilleasbuig Chaimbeul, a tha Oighrig Nic Fhraing air a bhith a' rannsachadh. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 30 May 2018 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 May 2018 21:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal