Main content
Sorry, this episode is not currently available

Shona NicIllFhinnein - Ceistean pearsanta do Ghàidheil a tha aithnichte

Iain MacIlleMhìcheil le ceistean pearsanta do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well-known Gaels some personal questions.

Sann à Drochaid an Aonachain a tha Shona NicIllFhinnein bho thùs agus tha i air a bhith an sàs ann an àireamh mhòr de dh' iomairtean agus leasachaidhean Gàidhlig thar còrr is fichead bliadhna. Tha èolas farsaing aice air obair-leasachaidh ann an coimhearsnachdan gu h-àraidh agus tha air a bhith na Stiùirichte neo-dhreuchdail aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Telebhisean Grampian agus Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha i an-diugh na ceannard air Bòrd na Gàidhlig.

Ann an Sealladh Eile na seachdain sa, tha ceistean pearsanta aig Iain MacIlleMhìcheil do Shona. Gheibh sinn a-mach dè an gnìomh a bu threasa a rinn i riamh, dè a chuireadh iongnadh air duine mu dèidhinn agus cluinnidh sinn a bheil aon sgil ann a chòrdadh e rithe ionnsachadh.

30 minutes

Broadcasts

  • Mon 28 May 2018 12:00
  • Mon 28 May 2018 22:00
  • Sun 3 Jun 2018 13:00