Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' cuimhneachadh air a' mha'-sgoile, am bàrd 's an sgrìobhaiche agus 100 bliadhna bho rugadh e. Remembering the poet, writer and headmaster John MacArthur, born 100 years ago.

'S e ma'-sgoile, bàrd, sgrìobhaiche, seinneadair, agus craoladair a bh' ann an Iain MacArtair, Iain a' Phoilisman neo Lofty, mar a bh' aig cuid air le cho àrd, caol 's a bha e. Rugadh e ann a Suardail sa Rubha a Leòdhas air an 6mh den Ògmhios 1918. A thuilleadh air a bhith a' teagasg ann an Àrd-sgoil agus Bun-sgoil Steòrnabhaigh airson faisg air 40 bliadhna bha e cuideachd dripeil na cheann-suidhe air Comunn Gàidhealach Leòdhais, na chomhairliche Gàidhlig aig Còisirean Steòrnabhaigh agus Lacasdail agus a' ruith taigh-aoigheachd còmhla ri bhean Catriona. Agus am meadhan a h-uile càil a bha sin, agus le ceathrar chloinne mu chasan, bhiodh Iain a' sgrìobhadh bàrdachd agus rosg dha fhèin agus do dhaoin' eile agus dhan a' BhBC. Cluinnidh sinn mar a sgrìobh e Creag an Fhraoich agus Aimh-chrò 's mu na cuspairean mu robh e a' sgrìobhadh rosg, leithid bàrdachd Uilleim Dhòmhnaill 'ic Coinnich agus An Àirigh.

30 minutes

Last on

Sun 30 Dec 2018 10:03

Broadcasts

  • Tue 5 Jun 2018 12:00
  • Tue 5 Jun 2018 22:00
  • Sun 10 Jun 2018 10:00
  • Christmas Eve 2018 12:03
  • Christmas Eve 2018 22:00
  • Sun 30 Dec 2018 10:03