Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall MacAmhlaigh, Eaglais na h-Alba, Beàrnaraigh 2003

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Dòmhnall MacAmhlaigh, Eaglais na h-Alba, Beàrnaraigh. Archive service conducted by the late Rev Donald MacAulay, Bernera, 2003.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 102: 25-27 air fonn Martyrdom agus ‘s e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Salm 27: 13-14 air fonn Torwood agus ‘s e Iain Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas
Salm 122: 6-7 air fonn Stornoway agus ‘s e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Leughadh: Isaiah 61: rannan 1-11
Ceann-teagaisg: Isaiah 61: 1

Rugadh Maighstir MacAmhlaigh ann am Beàrnaraigh an Eilean Leòdhais anns a' Ghearran 1926. Bha triùir bhalach anns an teaghlach aca, e fhèin agus a dhithis bhràithrean Niall Iain agus Seòras. Às dèidh an sgoil fhàgail, rinn iad am beò-shlàint anns an sgìre aca fhèin a’ sàs anns na giomaich agus iad gu math pailt aig an àm sin. Bha Mgr MacAmhlaigh ag iasgach gus an deach a ghairm dhan t-Seirbheis Nàiseanta. 'S ann san RAF a rinn e a Sheirbhis Nàiseanta agus bha e cuideachd sa Chabhlach Rìoghail ag obair air an Donaldson Line far an robh e a’ siubhal gu Ceann a Tuath agus Ceann a Deas Aimeireagaidh.

Fhuair e gairm chun na ministrealachd faisg air deireadh na 50an agus cheumnaich e à Colaiste an Rìgh ann an Obair Dheathain ann an 1968. Nas anmoiche air a' bhliadhna sin, chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Leumrabhagh an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas far an robh e na mhinistear airson 20 bliadhna. Leig e dheth a dhreuchd an uairsin agus thill e air ais gu baile àraich ann am Beàrnaraigh. Bha an sgìre às aonais ministear aig an àm agus dh'aontaich e a dhol os cionn a' choitheanail airson trì bliadhna.

Phòs Mgr MacAmhlaigh agus a bhean Catriona ann an 1958 's bha sianar chloinne aca. Fhad 's a bha e na mhinistear air na Lochan ghabh e ùidh ann an obair na comhairle sgìreil agus bha e cuideachd na chomhairliche air Comhairle sgìre Rois is Chrombaigh bho 1969 gu 1974. Sheas e an uairsin airson a' chiad taghadh de chomhairlichean aig Comhairle nan Eilean Siar ann an 1974, agus chaidh a thaghadh mar a' chiad neach-gairm air a’ chomhairle a' bhliadhna sin.

Chaidh urram OBE a bhuileachadh air Mgr MacAmhlaigh ann an 1981 agus anns a' Chèitean 2004 chaidh urram Saorsa nan Eilean a bhuileachadh air fhèin agus air a dheagh charaid Mgr Calum MacIllFhialain.

Bhàsaich Mgr MacAmhlaigh aig aois 79 san Fhaoilleach 2006.

30 minutes

Last on

Sun 25 May 2025 21:00

An t-Urr Dòmhnall MacAmhlaigh

An t-Urr Dòmhnall MacAmhlaigh

Broadcasts

  • Sun 20 May 2018 21:00
  • Sun 11 Aug 2024 21:00
  • Sun 25 May 2025 21:00