Main content
Sorry, this episode is not currently available

Turas Frances gu leigheas às ùr

Ceum air cheum air an turas còmhla ri Frances O' Connell 'gus smachd fhaighinn air MS. A personal journey with Frances O' Connell in an attempt to alleviate her MS.

Ann an 2016 rinn Frances O' Connell às a' Ghearasdan co-dhùnadh cudromach na beatha, b' e sin a dhol gu ruige Mexico airson leigheas sònraichte a bha air a bhith soirbheachail do chuid a bha a' fulang leis an tinneas MS. Cha robh an dòigh leigheas seo - far am biodh iad a' cur bun-chealla fala na bodhaig neo HSCT stem cell transplantation - gun chosgais is iomagain, ach bha Frances, a bh' air a bhith a' fulang leis an tinneas airson còrr air fichead bliadhna, cinnteach gur e sin an t-slighe a bha ise airson a ghabhail. Bha i làn dòchais gun cuidicheadh seo i a' faighinn air a casan ceart a-rithist airson ùine phrìseil a chur seachad le a cuid oghaichean, fiu 's dìreach an toirt cuairt dhan phàirce.

Tha sinn air a bhith a' leantainn Frances bhon a rinn i an co-dhùnadh ann an 2016 gun robh i a' dol gu Mexico airson an leigheas seo fhaighinn. Bha iomagain oirre, ach aig an aon àm bha misneachd agus creideas aice fhèin ann a bhith gabhail a' cheum mhòr seo na beatha.

30 minutes

Last on

Sun 30 Dec 2018 09:33

Broadcasts

  • Thu 14 Jun 2018 12:00
  • Thu 14 Jun 2018 22:10
  • Sun 17 Jun 2018 09:30
  • Christmas Eve 2018 08:30
  • Sun 30 Dec 2018 09:33