
Episode 203
An ceathramh earrann de dh'Ionnsaigh Earraich nan Gearmailteach le call 60,000 duine. The fourth stage of the German Spring Offensive has over 60,000 casualties in total.
Bha an ceòl air feadh na fìdhle air 9mh Ògmhios 1918, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnail ag innse dhuinn, an uair a chuir na Gearmailtich ionnsaigh eile air bhog san Fhraing aig Blar a' Mhatz. B'e seo an ceathramh earrann de dh'Ionnsaigh an Earraich aig na Gearmailtich far an robh iad a' toirt ionnsaigh air na loidhnichean Frangach aig Verdun. Uile gu lèir chuir iad aon thar fhichead roinn armachd an sàs thairis air trì thar fhichead mìle an cois abhainn Matz. Gu mì-fhortanach dha na Gearmailtich bha feadhainn de na prìosanaich-cogaidh aca air am brath 's air innse dha na Frangaich mun ionnsaigh a bha fa near dhaibh. Mar sin, bha na feachdan Frangach agus Ameireaganach deiseil air an son.
Air 11mh Ògmhios dh'fhuiling na Gearmailtich droch bhuile ann am Blà r a' Mhatz. San dà latha bho thòisich am batal bha na Gearmailtich air adhartas de naoi mìle a dheà namh. Ach chaidh stad a chur orra gu h-obann aig Compiègne. Cha robh aig na Frangaich ach ceithir roinnean armachd, ach cha robh dad a dhùil aig na Gearmailtich gum biodh ceud gu leth tanca mhòr aca cuideachd. Leotha sin chaidh aig na Frangaich air an ionnsaigh Ghearmailteach a stad agus thigeadh am blà r gu ceann trì latha às dèidh sin.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 140618
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 14 Jun 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 15 Jun 2018 11:50ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal