Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ã’rain Willie Teddy Chaimbeul

Na h-òrain agus a' bhàrdachd aig Uilleam 'Teddy' Chaimbeul às an Rubha ann an Leòdhas. A selection of songs and poetry composed by William Campbell from Point in Lewis.

Air an deicheamh latha den ath mhìos tha leabhar ùr ga chur air bhog - Bàrdachd Uilleam Iain Caimbeul - Poems of Willie John Campbell (Willie Teddy).
An-diugh cothrom eile èisteachd ri grunn math de dh'òrain a chaidh a sgrìobhadh le Willie Teddy a bhuineas dhan Rubha ann an Leòdhas agus a chaidh a sheinn aig cuirm sònraichte dha fhèin ann an Ionad Choimhearsnachd na h-Àirde bho chionn ceithir bliadhna air ais. Bha muinntir na sgìre a' comharrachadh an spèis a bh' aca dhan bhàrd agus iad a' dèanamh sin agus e fhèin an làthair.
Anns a' phrògram seo tha Uilleam air aoigheachd aig Coinneach agus tha e ag innse dhà beagan a bharrachd mu na h-òrain agus mu bheatha fhèin. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes