
Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine dhaibhsan len aire air a’ ghaol. Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share recipes for romantic occasions.
Sa phrògram seo tha Griogar sa charaidean ag innse dhuinn dè’n taobh a tha an smuaintean a’ gluasad nuair a tha a’ ghaol sa cheist – air latha Naoimh Valentine, no ceann-latha pòsaidh. Sna Lochan tha briosgaidean air chumadh cridhe roimhe, agus ann an Tunga, tort teòclaid is caramail a bhlàithcheadh a’ chridhe bu chruaidhe. Agus nuair a nì Griogar fhèin trufail teòclaid, tha e gan teasachadh le chili – abair comharran gaoil!
Gregor and his trusted bakers and cooks show us their favourite recipes to mark a romantic occasion, whether it be Valentine’s Day or an anniversary.
In Lochs, an experienced baker shows him her loveheart-shaped biscuits filled with jam. Then, in Tong, he samples the perfect chocolate indulgence that is sure to melt any heart - a chocolate and salted caramel tart. And Gregor spices things up by adding chilli to his handmade chocolate truffles. These are recipes to show you care.
Last on
Clip
-
An tort crùbaig aig Griogar
Duration: 02:29
Na Briosgaidean le Cridhe Silidh aig Màiri

225g ìm
200g siùcar
castoir
1 ugh mòr
1 spàin-tì brìgh faoineige
450g flùr lom
Ann am bobhla, measgaich an t-ìm agus an t-siùcar còmhla gus am bith e mìn. Cuir ann an t-ùgh agus cuir mun cuairt a-rithist.
Cuir ann am brìgh. Dòirt ann am flùr.
Dèan beagan fuine air ach an tig e ri chèile na thaois. Cuir seo dhan fhuaradair airson mu leth uair gu uair a thìde.
Teasaich an àmhainn gu 175°c.
Roilig a-mach an taois agus geàrr a-mach na briosgaidean le gearradair ann a cumadh cridhe. Cuir air treidhe na briosgaidean agus, a’ cleachdadh cumadh cridhe nas lugha, geàrr cumadh cridhe a-mach a meadhan leth dhe na briosgaidean.
Cuir na briosgaidean dhan àmhainn airson 12 mionaid.
Nuair a tha iad deiseil, fàg iad a fuarachadh.
Cuir silidh air na briosgaidean slàn agus an uairsin cuir am briosgaid leis a chumadh cridhe na mheadhan air am mullach.
Sgeadaich le beagan siùcar-pùdair.
An Tort Crùbaig aig Griogair

Pastraidh
110g ìm
1 ugh
175g flùr lom
25g parmesan, air a bhleith gu mìn
Craiteachan piobar cayenne
Cuir an t-ìm agus an t-ugh dhan bhobhla agus buail ri chèile airson 5 mionaidean ach am bith e uachdrach, mìn.
Cuir ann a’ chàise gu lèir agus am piobar Cayenne.
Mu dheireadh, dòirt a-steach am flùr agus cuir mun cuairt gus an tig e ri chèile na bhall. Faodar seo a crìochnachadh le do làimh fhèin.
Roilig a-mach e airson tiona flana 9” a chòmhdach.
ìDzԲ
300g feòil chrùbaig gheal
1 uinnean
1 clobha creamh
1 tiolaidh beag tioram
Sùgh bho leth liomaid
Cnò-mheannt air a bhleith
3 uighean
120ml bàrr tiugh
Salann & piobar
Parmesan air a bhleith airson a mhullach
1 phacaid aspàrag
Sailead
Teasaich an àmhainn gu 180°c.
Fraidhig an t-uinnean, an tiolaidh agus an creamh airson mionaid neo dhà ann a ola-chroinn-ola, gus am bi iad bog.
Bheir am pana far an teas agus cuir ann an sùgh liomaid agus an cnò-mheannt.
Dòirt a-steach an fheòil chrùbag agus cuir mun cuairt.
Ann an bobhla eile buail trì uighean còmhla ris a’ bhàrr. Cuir ann gu leòr salann agus piobar.
Measgaich còmhla a’ chrùbag agus am bàrr is uighean agus dòirt seo dhan phastraidh.
Air a’ mhullach, cuir an asparag. Chaidh seo a bhruich airson mionaid ann an uisge goileach agus an uairsin fhuair e bogadh ann an uisge fuar.
Sgeadaich cuideachd le beagan parmesan air a bhleith.
Bruich an tort san àmhainn airson 25-30 mionaid.
Na Trufail Seòclaid is Tiolaidh aig Griogair

100ml bàrr tiugh
40g siùcar ruadh bog soilleir
110g seòclaid dhorcha
25g ìm
Craiteachan salainn
Craiteachan pùdar tiolaidh
250g seòclaid bhainne
Teasaich am bàrr tiugh agus an t-siùcar gus an leagh e.
Bris an t-seòclaid agus cuir seo ann am bobhla eile leis an ìm. Dòirt a-steach am bàrr agus leig leis suidhe airson mionaid neo dhà gus an tòisich an t-seòclaid a leaghadh.
An uairsin cuir ann an t-salainn agus am pùdar tiolaidh. Cuir seo mun cuairt ach am bith a h-uile sion mìn is na cnapan seòclaid air leaghadh buileach.
Air a chòmhdachadh ann a cling film cuir am bobhla dhan fhuaradair airson dà uair a thìde.
Nuair a tha an t-seòclaid cruaidh, bheir a-mach e a’ cleachdadh làn spàin-tì sguab spàinean dhen t-seòclaid a-mach agus dèan an uairsin buill leotha le do làmhan. Cuir air ais dhan am fuaradair iad.
Airson a’ chòmhdach, cuir an t-seòclaid bainne ann an bobhla agus dhan mhicrowave. Chan eil math dhut seo a chur a-steach ach airson mu 15-30 diog a h-uile turas. Bheir an uairsin sùil air agus cuir a-steach a-rithist e. Dèan seo cho fada ‘s dh’fheumas tu airson an t-seòclaid a leaghadh, ga chuir mun cuairt cuideachd airson cuidhteas fhaighinn dhe na cnapan.
Bheir na buill t-seòclaid a-nis a mach às an fhuaradair agus cuir am bogadh dhan t-seòclaid leaghte iad airson an còmhdachadh. Leig leotha fuarachadh air treidhe uèir.
Nuair a tha iad fuar fras na buill le beagan a bharrachd seòclaid.
Cuir iad air ais dhan am fuaradair iad airson cruadhachadh.
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Presenter | Gregor Macleod |
Production Manager | Sajid Quayum |