
Leasachaidhean ann an Lìte
Na planaichean connspaideach airson leasachaidhean ann an Lìte air iomall Dhùn Èideann.
The controversial proposals for development in Leith on the outskirts of Edinburgh.
’S iomadh baile ann an Alba a tha feumach air leasachadh air choireigin – gu sònraichte, bailtean far an robh gnìomhachas gu math làidir aig aon àm, ach a tha air fulang le crìonadh nan gnìomhachasan sin. Tha Lìte ann an Dùn Èideann nam measg – ach tha planaichean ann son ath-nuadhachadh a thoirt air an sgìre eadar Dun Èideann fhèin agus port Lìte. Ach carson a tha iad cho connspaideach ge-tà agus carson a tha tòrr nan aghaidh?
Cluinnidh Coinneach cuideachd mu dheasbad eile co-cheangailte ri ailtireachd – mar a chaidh pyramids na h-Èipheit a thogail. Tha arc-eòlaichean air lorg fhaighinn air fianais a dh’ fhaodadh sin a fhreagairt is tha Calum Iain Bartlett sa stiùidio còmhla ri Coinneach son a mhìneachadh.
Tha Murchadh Peutan a’ mìneachadh mar a chaidh againn air an àireamh “neoni” a chruthachadh airson matamataig agus cho cudromach is a tha e.
Agus cò th’ ann an Arron Banks, am fear-gnothachais is neach-iomairt poilitigeach a th’ air a bhith sna cinn-naidheachd bho chionn ghoirid? bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 8 Nov 2018 09:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Thu 8 Nov 2018 21:00ѿý Radio nan Gàidheal