Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tormod MacLeòid a bha air coimheadachdan chunnartach aig àm an Dàrna Cogaidh.
Norman MacLeod speaks about his life and his journeys on the hazardous WW2 convoys.

Tha Tormod MacLeòid an-diugh a' fuireach ann am Port Rìgh. Chuir e a bheatha-obrach seachad aig muir agus an uairsin aig Coimisean na Coilltearachd. Ach aig àm an Dàrna Cogaidh bha Tormod a' seòladh anns a' Chabhlach Mharsanta, air coimheadachd a' Chuain Siar agus coimheadachd na h-Artaig. Chuir e a' mhòr chuid de àm sa Chogadh seachad air bàta-teasairginn aig cùl nan coimheadachd. Nan rachadh bàta fodha, 's e an obair aig bàta Thormoid an togail bhon mhuir. Faisg air deireadh a' chogaidh sheòl Tormod air coimheadachd na h-Artaig gu ruige ceann a tuath na Ruis, slighe a bha am measg nam feadhainn a bu chunnartaiche a bha aig muir aig an àm. Bho chionn beagan bhliadhnaichean chaidh urram a bhuileachadh air le Riaghaltas na Ruis, Bonn Ushakov airson pàirt a ghabhail anns a choimheadachd sin. Anns na prògraman a tha seo tha Tormod a' còmhradh ri Gilleasbuig MacDhòmhnaill mu a bheatha agus mun chogadh.

30 minutes

Last on

Sun 25 Nov 2018 09:30

Broadcasts

  • Thu 22 Nov 2018 12:00
  • Thu 22 Nov 2018 22:00
  • Sun 25 Nov 2018 09:30