
An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Service with Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an salm a leanas:
Salm 106: 1-3 le Calum agus Iseabail Ann Mhartainn
Mu Choinneamh Cathair Dhè le Muriel Urchardan
An Cruthachadh Nuadh le Dòmhnall Moireach
Thighearna Thà inig Thu Chun a' Linne le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh
Leughadh: Salm 139: 1-24
Ceann-teagaisg: Salm 139: 14
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e.
Bha e ag obair aig Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson 7 bliadhna agus às dèidh sin, fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995.
Tha e an-diugh na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Maryhil an Glaschul.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies' - sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan". Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy. Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-là ithean.
Last on
An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Broadcasts
- Sun 16 Dec 2018 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Dec 2018 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal