Main content
Sorry, this episode is not currently available

Rev Duncan MacKinnon, 1987 - 1/3

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Donnchadh MacFhionghuin, Eaglais na h-Alba. Gaelic archive service from 1987 conducted by Rev Duncan MacKinnon.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98: 102 air fonn London New le Eòin Dòmhnallach os cionn na seinn agus Salm 103: 5-6 air fonn Torwood le Iain MacFhionghuin os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Leughadh: Leabhar Deuteronomi 32: 1-12
Ceann-teagaisg: Leabhar Deuteronomi 32: 11-12

Rugadh Donnchadh air an Tairbeart sna Hearadh ann an 1924. Bha e san nèibhidh ri àm a' chogaidh eadar 1942 agus 1947. 'S e coitheanal Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach a' chiad choitheanal a bh' aige agus bha e an sin bho 1956 gu 1965. Ghluais e às an sin gu Eaglais na h-Alba ann an Cros, Nis an Leòdhas far a robh e bho 1965 gu 1973. Ann an 1973 ghluais e gu coitheanal a' Phluic ann an Loch Aillse. Leig e dheth uallach coitheanail ann an 1989.

Release date:

30 minutes