Main content
                
    Litir do Luchd-ionnsachaidh 1021
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1021.
Last on
            Wed 13 Feb 2019
            23:00
        
        ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal
    More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 717
Clip
- 
                                            
            Litir do Luchd-ionnsachaidh 1021
Duration: 05:00
 
Litir 1021: Carbadan Argyll (1)
                Tha ceud is fichead bliadhna air a dhol seachad on a chaidh a’ chompanaidh Hozier Engineering a chur air dòigh. Agus cò bh’ ann an Hozier Engineering? Uill, ʼs e companaidh a bh’ ann, stèidhichte ann an Glaschu, a bha a’ togail chàraichean gu coimeirsealta. Seadh, bha gnìomhachas togail chàraichean againn ann an Alba, fada mus robh guth air a’ Hillman Imp!
Cha bhi cuimhne agaibh air carbadan-ola a bha ainmichte mar Hoziers, oir cha robh a leithid ann. Ach ʼs dòcha – ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh thionnsgalach na h-Alba – gu bheil sibh air cluinntinn mun Argyll. Bha na h-Argylls air an dèanamh aig factaraidh Hoziers ann an Glaschu. Tha mi airson innse dhuibh mun deidhinn agus mu dheidhinn Alexander Govan a bh’ air cùl an Argyll.
Thogadh e ann am bochdainn ann am Baile an t-Saoir ann an Siorrachd Lannraig. Ghluais a theaghlach gu ruige Baile na Drochaid ann an Glaschu ach bha iad air an cuairteachadh le bochdainn an sin cuideachd.
Bha Ailig airson piseach a thoirt air a shuidheachadh fhèin. Chaidh e gu colaiste theicnigeach, far an do rinn e gu math. An uair sin, chaidh e fhèin ʼs a bhrà thair-chèile còmhla airson rothairean a dhèanamh. Ge-tà , bha cùisean doirbh aig an à m sin airson luchd-dèanaimh rothairean. Cha robh a’ mhargaidh a’ dol am meud luath gu leòr airson na bh’ ann de chompanaidhean a bha gan dèanamh.
Ghluais Ailig a Shasainn – gu Redditch ann am Worcestershire, far an d’ fhuair e obair ann am factaraidh einnseanairidh. Thòisich a’ chompanaidh air cà raichean a thogail, le bhith a’ cleachdadh phà irtean a bhuineadh do chà raichean a bh’ air an togail ann an dùthchannan eile.Â
Dh’ionnsaich Ailig gu leòr an sin airson obair a ghabhail ann an Glaschu mar mhanaidsear air companaidh a bh’ air a bhith a’ dèanamh rothairean – The Scottish Manufacturing Company. ʼS e an entrepreneur, Uilleam A Mac a’ Ghobhainn, a bh’ air cùl na companaidh. Bha e na shà r-eòlaiche air lagh nam peutantan. Bha Mac a’ Ghobhainn airson a dhol an sàs ann an togail charbadan-ola, agus dh’fhastaich e Ailig Govan airson cruth-atharrachadh a thoirt air a’ chompanaidh. Dh’atharraich iad a h-ainm gu The Hozier Engineering Company.
Bha cà r aca taobh a-staigh beagan mhìosan. ʼS e Argyll Voiturette a chanadh iad ris agus bhathar ga reic aig prìs reusanta – ceud, caogad ʼs a còig gini. ʼS e voiturette a chanadh daoine ri mòran chà raichean beaga aig an à m sin, agus bha an Argyll stèidhichte air voiturette a chaidh a thogail le Renault san Fhraing.
Ach carson nach tug Renault gu cùirt iad? Uill, mar a bha mi ag rà dh, bha ceannard Hozier, Uilleam Mac a’ Ghobhainn, na eòlaiche air lagh nam peutantan! Ge-tà , bha aca ri bogsa-ghèaraichean ùr a dhealbhachadh, agus thug Hozier a-mach peutant airson sin.
Bha dà is trì-chairteal horsepower ann an einnsean a’ voiturette agus bha an t-einnsean ann an toiseach a’ chà ir. Bha e air fhionnarachadh le rèididheatar là n uisge. Bha aingleachadh dealain ann, agus cà rbradair math Frangach.
Bha an t-einnsean air a cheangal ris na cuibhlichean deiridh le fearsaid-drà ibhidh, cluidse agus bogsa-ghèaraichean a bha ag obair aig trì astaran. B’ e an t-astar a bu luaithe aig a’ Voiturette ochd mìle deug san uair. Bidh tuilleadh agam air an Argyll an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
                Faclan na Litreach: Baile an t-Saoir: Blantyre; Baile na Drochaid: Bridgeton; Siorrachd Lannraig: Lanarkshire; colaiste theicnigeach: technical college; luchd-dèanaimh: manufacturers; factaraidh einnseanairidh: engineering factory.
            
        Abairtean na Litreach
                Abairtean na Litreach: Tha ceud is fichead bliadhna air a dhol seachad on a chaidh a’ chompanaidh a chur air dòigh: 120 years have gone past since the company was established; a bha a’ togail chàraichean gu coimeirsealta: who were building cars commercially; bha gnìomhachas togail chàraichean againn: we had a car-building industry; cha robh a leithid ann: there was no such thing; chaidh e fhèin ʼs a bhràthair-chèile còmhla airson rothairean a dhèanamh: he and his brother-in-law combined to make bicycles; ghluais Ailig a Shasainn: Alex moved to England; le bhith a’ cleachdadh phàirtean a bhuineadh do chàraichean a bh’ air an togail ann an dùthchannan eile: by using parts that belonged to cars that were built in other countries; ʼs e Uilleam A Mac a’ Ghobhainn a bh’ air cùl na companaidh: it’s William A Smith that was behind the company; bha e na shàr-eòlaiche air lagh nam peutantan: he was an expert on patent law; dh’fhastaich e X airson cruth-atharrachadh a thoirt air a’ chompanaidh: he hired X to restructure the company; carson nach tug Renault gu cùirt iad?: why didn’t Renault take them to law?; bha an t-einnsean ann an toiseach a’ chàir: the engine was in the front of the car; bha e air fhionnarachadh le rèididheatar: it was cooled by a radiator; bha aingleachadh dealain ann, agus càrbradair math Frangach: there was electric ignition, and a good French carburettor [aingleachadh is a bit of a ‘posh’ word for ‘ignition’ – in common parlance â€Èٳٲ¹°ù³Ù²¹»å³ó’ would generally be used]; air a cheangal ris na cuibhlichean deiridh le fearsaid-dràibhidh, cluidse agus bogsa-ghèaraichean a bha ag obair aig trì astaran: linked to the rear wheels by a drive-shaft, clutch and a gearbox that worked at three speeds; b’ e an t-astar a bu luaithe aig a’ Voiturette ochd mìle deug san uair: the Voiturette had a maximum speed of eighteen miles per hour.
            
        Puing-chà nain na Litreach
                Puing-chànain na Litreach: Cha bhi cuimhne agaibh air carbadan-ola a bha ainmichte mar X: you won’t remember petrol cars that were called X. As the Litir concerns early motor cars, it’s appropriate to use the term the Gaels used in the early days – carbad-ola ‘a petrol vehicle’ (and carbad-iarainn ‘a train). You will still occasionally hear an older person speaking about ‘c²¹°ù²ú²¹»å²¹²Ô-´Ç±ô²¹â€™.
            
        Gnà thas-cainnt na Litreach
                Gnàthas-cainnt na Litreach: Thogadh e ann am bochdainn: he was raised in poverty.
            
        Broadcasts
- Sun 10 Feb 2019 22:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
 - Wed 13 Feb 2019 23:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
 
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
- 
                                        
            Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.