
Tasglann: An Canan Aonghas MacCuithein 1993
Seirbheis bho 1993 còmhla ris a' Chanan Aonghas MacCuithein, Eaglais Naomh Barr, Barraigh. Gaelic service from 1993 conducted by Canon Angus MacQueen, St Barr's, Barra.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
Crann Ceusaidh na Nàire, Chridhe MhicDhè, Laoidh Chaluim Chille agus Seinneamh don Tighearna air an seinn le Còisir Eaglais Naomh Barr.
An Canan Aonghas MacCuithein – sagart, còcaire, sgeulaiche, eòlaiche air eachdraidh ‘s cultar agus aig cridhe a h-uile sian, sàr Ghàidheal. Bha Mgr. Aonghas a’ comharrachadh trì fichead sa còig bliadhna na shagart bho chionn ghoirid, a’ frithealadh paraistean ann an sgìre Easbaig Earra-Ghàidheal ‘s nan Eilean airson còrr air 60 bliadhna gus an do leig e dheth uallach paraiste ann an 2011.
Rugadh Mgr. Aonghas ann am Baile Gharbhaidh san Iochdar an Uibhist a Deas anns an t-Samhain 1923. Bha ceathrar san teaghlach - a phiuthar Catriona agus a bhràithrean Dòmhnall Ailean, Dòmhnall Ailig agus e fhèin. Bha làn dhùil aig a phàrantan imrich a dhèanamh gu ruige Canada còmhla ris an fheadhainn a chaidh a null cuide ri Mgr. Iain Dhonnchaidh air a' Mharloch ach fhuair a mhàthair a mach gun robh i a giùlain leanabh agus b’ fheudar dhaibh na planaichean aca atharrachadh agus dh’fhuirich iad ann an Uibhist.
B’ ann aig aois 12 a cho-dhùin Mgr. Aonghas gun robh e airson, mar a thuirt e fhèin, “daoine fhàgail toilichte” agus airson sin a dhèanamh, gun robh e airson a dhol air adhart gu bhith na shagart. Mar shagart, bha e a’ frithealadh paraistean leithid Èirisgeigh, Bagh a’ Chaisteil, Morar, Gleann Comhainn, Eilean Bhòid, Bornais agus am Bagh a Tuath far an robh e na shagart mu dheireadh.