
Beachd air taisbeanadh mu bheatha Nelson Mandela
Dè na sgilean a tha dhìth airson deagh òraid a dhèanamh ma choinneamh dhaoine?
What skills are required to deliver a good speech in front of people? bbc.co.uk/feasgar
Tha saoghal phoilitigs Bhreatainn bun os cionn as dèidh dha dusan na pàrtaidhean aca fhàgail an t-seachdain ‘sa agus ged a tha iad fhathast ann an Taigh nan Cumantan nam buill, chan eil taic nam pàrtaidhean aca fhèin aca. Ach dè a tha e a' ciallachadh seasamh mar thagraiche neo-eisimeileach? Tha Darren Laing an neach naidheachd poilitigs a’ mìneachadh.
Chosg Riaghaltas na h-Alba faisg air £1000 airson leasanan is stiùireadh a thoirt do Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, ann a bhith bruidhinn gu poblach. Dè dìreach cho duilich sa tha e a dhol a’ bruidhinn mu choinneamh sluagh dhaoine agus ciamar a dh’ionnsaicheas duine a bhith stòlda agus cinnteach asta fhèin? Tha dithis ag innse mu na sgilean a tha dhìth airson bruidhinn gu siubhlach mu air beulaibh dhaoine.
Chaidh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal Mac Aonghais gu taisbeanadh nàiseanta ann an Glaschu mu bheatha Nelson Mandela. Tha “The Centenary Exhibition” air a bhith ann an Lunnainn roimhe seo agus a-nise tha e air chuairt timcheall na rìoghachd. Cluinnidh sinn mar a chòrd an taisbeanadh ris.
Ceòl bho 1975. Jake Bugg agus Paul Carrack. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Music Played
-
The 1975
A Change of Heart
-
Rahim Redcar
The Walker
- Chris.
- 003.
-
Paul Carrack
Talk to Me
- These Days.
- 009.
-
Bright Light Bright Light
A New Word To Say
-
Jake Bugg
Note To Self
- Jake Bugg.
- Universal Island Records.
- 12.
-
Josh Groban
Lullaby (feat. Ladysmith Black Mambazo)
-
Razorlight
America
Broadcast
- Thu 21 Feb 2019 12:30ѿý Radio nan Gàidheal