
Ceit Dix, Ceit an Tà illeir à Beà rnaraigh, Na Hearadh
Taghadh à tasglann Sgoil Eolais na h-Alba a chaidh a chlà radh bho Cheit Dix à Bearnaraigh.
Archive recordings of Mrs Kate Dix, a tradition-bearer from Berneray.
'S toigh leam na daoine ann am Beà rnaraigh, 's toigh leam an èadhar agus 's toigh leam am muir. Os cionn a h-uile rud bu thoigh leam a bhith 'g iasgach agus a' snà mh agus bu thoigh leam a bhith a' dol a choimhead air mo chà irdean', sin a thuirt Ceit Ghilleasbuig Tà illeir mu Bheà rnaraigh na Hearadh.
Rugadh Ceit am Bèarnaraigh ann an 1890, an treas duine de sheachdnar a theaghlach, sianar nighean agus aon bhalach. Mar a thuirt i fhèin cha deach i ach a Sgoil Bheà rnaraigh agus cha deach i uabhasach tric innte sin fhèin le mar a bhiodh a mà thair ag obair a-muigh agus Ceit a' coimhead às dèidh na cloinne. Dh'fhalbh i a dh' obair do thuathanach san Apain aig aois 14 a' bleoghan 15 mart ro sheachd uairean sa mhadainn airson gu falbhadh am bainne air an trèine dhan Òban. Chaidh i a dh'obair dhan Òban às dèidh sin agus nuair a bhris an cogadh chaidh i a dh'obair a Ghretna sna munitions. Phòs i ann an 1918 agus bha iad a' fuireach ann a Sunderland 30 bliadhna is fhuair iad triùir chloinne. Thill iad a Bheà rnaraigh dìreach nuair a thòisich an dà rna cogadh. Boireannach là dair, tapaidh a bh' innt eadar snà mh agus spealladh.
Bhiodh Ceit ri bà rdachd a-riamh, a' dèanamh rannan beaga an toiseach, agus 's ann bho h-athair a fhuair i gibht na bà rdachd. A thuilleadh air a sin bha ùidh mhòr aice ann am beul-aithris agus cuimhne mhìorbhaileach aice air na chuala i. Sa phrògram sa cluinnidh sibh a mac Archie Dix, Dòmhnall MacPhilip, Donnchadh MacFhionghain, Dòmhnall Ailig MacPhilip, agus Bessie Pheatarsan a' cuimhneacadh oirre agus Ceit fhèin ag aithris cuid den iomadh sgeulachd is annas eile a chuala i agus criomag na dhà den bhà rdachd a rinn i fhèin. Chaidh a clà radh do Sgoil Eòlais na h-Alba le Iain Peatarsan, e fhèin à Beà rnaraigh. Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 1993 nuair a bha Sgoil Eòlais na h-Alba a' comharracadh 60 bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Tue 7 May 2019 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 7 May 2019 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 May 2019 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal