Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain MacAsgaill

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill, Eaglais Shaor Shruighlea. Gaelic Service with Rev Iain MacAskill, Stirling Free Church

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Walsall agus ‘s e Tòmas Moireasdan a tha os cionn na seinn.
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn.
Salm 103: 1-2 air fonn Coleshill agus ‘s e Seumas Shirran a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn a chlaradh ann an Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Leughadh: Lucas 10: 25-47
Ceann-teagaisg: Lucas 10: 25

Rugadh an t-Urr MacAsgaill ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-staigh airson a bhith na mhinistear, bhiodh e a' cur fàilte chridheil air luchd-siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port-adhair Bheinn na Fadhla far an robh e ag obair aig BA airson trì bliadhna deug.

B' ann ann an 1997 a thòisich e a' searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdail. Bha an coitheanal aige air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Bha Iain ann an Uibhist airson dusan bliadhna agus thairis air an ùine sin,stèidhich e Urras a' Chala airson cuideachadh le daoine a bha fulang le trioblaidean dibhe. Tha e fhathast na chathraiche air an urras ged nach eil e a' fuireach anns a' sgìre.

Bha an t-Urr MacAsgail còrr air ceithir bliadhna ann an Ros Cuithne, 's an eaglais eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain agus bha mu 250 anns a' choitheanal aige. A bharrachd air obair na paraiste, bha obair chudromach eile aige agus e os cionn cùram spioradail Sgioba Ball-coise Ross County. Ged a tha e air an sgìre fhàgail agus a-nise stèidhichte ann an Sruighlea, tha e fhathast a' coimhead às dèidh feumalachdan spioradail na sgioba. Tha e cuideachd na Iar-chathraiche air Bòrd na h-Eaglaise Saoire airson obair eadar-nàiseanta agus na bhall de dh'Ùghdarras Ministearan Moldova.

Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca, Kathryn. Tha ùidh mhòr aige ann am ball-coise agus ann an ceòl, 's luchd-ciùil, leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash gu mòr a' còrdadh ris.

30 minutes

Last on

Sun 15 Dec 2019 15:00

An t-Urr Iain MacAsgaill

An t-Urr Iain MacAsgaill

Broadcasts

  • Sun 15 Dec 2019 09:00
  • Sun 15 Dec 2019 15:00