
An t-Urr Dòmhnall Iain Moireasdan, Eaglais na h-Alba, An Tairbeart
Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh, Eaglais na h-Alba, air an Tairbeart. Service with Rev D J Morrison, assistant minister Tarbert Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is na leughaidhean a leanas:
Salm 68: 7-8 air fonn London New agus ‘s e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an am Port Rìgh.
Salm 89 : 15-17 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Salm 84: 6-7 air fonn Moravia agus ‘s e Iain A Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughaidhean: Isaiah 35: 1-9 , Eabhraidhich 12: 1-2
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 12: 1-2
Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' chuid mhòr dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e air dreuchd na ministrealachd a-nis a leigeil dheth gu h-oifigeach, bidh e fhathast a' gabhail sheirbheisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an à ite sam bith far a bheilear a' cur feum air.
Last on
An t-Urr Dòmhnall Iain Moireasdan

Broadcasts
- Sun 19 Jan 2020 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Jan 2020 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal