
Iain Macleòid, paidhleat Loganair
Ceitidh Anna NicChoinnich air turas air plèana a Bharraigh 's Iain Macleòid na phaidhleat. Iain Macleod pilots Katie Anne MacKenzie's first flight to Barra.
An trà igh mhòr ann an Eòlaigearraidh ann am Barraigh - le còrr is dà mhìle de ghainmheach geal, là n shrùbain, ainmeil air sgà th 's gur i an aon phort-adhair san t-saoghal far a bheil itealain clà r-ama ceadaichte a cleachdadh na raon-laighe. Tha i a' tà ladh na mìltean de luchd-turais gach bliadhna 's iad airson an t-slighe iomraiteach seo a dhèanamh a' sgèith à Glaschu no à Steòrnabhagh agus Beinn a' Bhadhla.
Tha còrr is deich bliadhna fichead bho chaidh cuireadh a thoirt do Cheitidh Anna NicChoinnich an turas a ghabhail a Bharraigh, airson a' chiad uair, air bòrd an twin otter aig Loganair a' falbh à Steòrnabhagh. B' e fear de na paidhleatan aig an à m 's bha a' fuireach san ath bhaile rithe ann an sgìre nan Loch a Leòdhas, a bha air an cuireadh sin a thoirt 's cha be ruith ach leum! Esan Iain MacLeòid, no Charlie, mar a b'fheà rr a dh'aithnichear e as sgìre, mac Chaluim 'an Chaluim à Bail' Ailein.
Ag èirigh suas cha robh cà il a b'fheà rr le Iain na bhith innleachdach le bhith a' toirt nithean às a chèile agus a' faighinn tlachd mhòr à feuchainn rin cur ri chèile a-rithist! Chuireadh e là mh ri iomadach rud eadar clachaireachd, saoirsainneachd agus obair na beairt.
Ach aig toiseach na h-ochdadan sann a ghabh e ùidh mhòr ann an cùisean co-cheangailte ri itealain. Bha e air a bheò-ghlacadh chun na h-ìre 's gun do dhealbh e 's gun do thog e dà itealan e fhèin, bho thùs gu èis, a' cleachdadh engine Volkswagen Beetle. Às dèidh beagan ùine an uair sin a' treanadh, fhuair e cead a bhith na phaidhleat ann an 1984. 'S beag a bha dhùil aige gun toireadh an rud a thòisich na chur-seachad e gu dreuchd là n-ùine dha!
'S ann aig toiseach a' Ghiblein 1989 a choinnich Ceitidh Anna ri Iain ann an oifis Loganair aig Port-Adhair Steòrnabhaigh 's e ag ullachachadh airson sgèith sìos a Bharraigh agus abair gun chòrd an turas rithe!
Last on
More episodes
Clip
-
¶Ù±ð²¹±ô²¹²Ô-»åè 050320
Duration: 04:34
Iain MacLeòid

Broadcasts
- Thu 5 Mar 2020 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 5 Mar 2020 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Mar 2020 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal