
An t-Urramach Calum Dòmhnallach, Eaglais Shaor Chalanais
Seirbheis còmhla ris an Urr Calum Dòmhnallach, ministear Eaglais Shaor Chalanais. Gaelic religious service conducted by Rev Calum MacDonald, Callanish Free Church, Lewis.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Salm 62: 11-12 air fonn Martyrdom agus ‘s e Murchadh MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ghrabhair.
Salm 68: 18-20 air fonn St David agus ‘s e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughadh: Eòin 20: 1-20
Ceann-teagaisg: Eòin 20: 9
Thogadh Mgr Dòmhnallach ann am baile Shiaboist, air Taobh Siar Leòdhais. Às dèidh dha an sgoil fhà gail fhuair e obair ann am Muileann a' Chlò Hearaich a bha anns a' bhaile agus lean e air ag obair ann an sin son naoi bliadhna. 'S ann às an aon bhaile a tha a bhean aige Mairead agus tha dithis chloinne aca - Aonghas, a tha na shaor ann an Glaschu agus Anna, a tha na banaltram ann an Inbhir Nis. 'S ann an uair a bha e trì bliadhna air fhichead a chaidh Mgr Dòmhnallach iompachadh agus bliadhna no dhà às dèidh sin dh'fhairich e gairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus gu ruige Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e MA. Às an sin chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. B' ann gu sgìre na Pà irce a chaidh e an toiseach na mhinistear agus bha e an sin son seachd bliadhna gus an do ghluais e a Chalanais. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin airson beagan cur-seachad is toil leis a bhith a' ruith chaorach, nì anns a bheil tlachd air a bhith aige bho là ithean òige.
Last on
An t-Urramach Calum Dòmhnallach

Broadcasts
- Sun 1 Mar 2020 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Mar 2020 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal