Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Snizort Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:

Salm 40: 1-3 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.
Salm 04: 7-8 air fonn London New agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
46: 1-2 air fonn Stroudwater agus ‘s e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughadh: Lùcas 24: 13-35
Ceann-teagaisg Lùcas 24: 13-35

Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.

30 minutes

Last on

Sun 10 May 2020 15:00

An t-Urr Murchadh A MacLeòid

An t-Urr Murchadh A MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 10 May 2020 09:00
  • Sun 10 May 2020 15:00