Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mgr Earraig às a' Phòlainn - Seirbheis Nollaig 2020

Mgr Earraig às a' Pholainn le blàs na Nollaige air seirbheis an-diugh. Fr Earraig from Poland brings us today's service with a Christmas theme.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Pòl MacCaluim le Leanabh an Àigh
Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis le Tàladh Chrìosda
Anna Nic na Ceàrdaich a’ seinn Laoidh Nollaig às a' chruinneachadh aig Mgr Ailean Dòmhnallach
Fiona NicChoinnich a’ seinn Biodh an Trianaid ga moladh (Iesum Dominum)
Magaidh NicAonghais a’ seinn Laoidh Mhoire Mhaighdean
Olga Boncxyk às a’ Phòlainn a’ seinn Cha robh àite ann Dhut
Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu a' seinn O Thigibh a chaomh-shluaigh.

Leughaidhean:
Soisgeul Lùcais 2: 1-7 agus a’ leughadh bha Donalda NicComb
Soisgeul Lùcais 2: 8-12 agus a’ leughadh bha Ailig O’Henley.

'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart o chionn cha mhòr naoi bliadhna deug. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chuir dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-mach dotaireachd (Ph.D.) ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bidh e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann. An-uiridh chaidh ainmeachadh mar cheannard na Colaiste.

A thaobh a' cheangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhein, “ ‘s e sgeul gaoil a tha seo.”

Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean agus tha e fhathast a’ dèanamh seo. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thairis air na seachd bliadhna deug tha e air tadhail air tòrr àiteachan an Alba agus air tòrr charaidean a’ dheanamh. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,“ làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.”

Bhon uair sin tha e air a bhith ga h-ionnsachadh, rinn e cùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne agus ged a tha e anns a’ Phòlainn, tha e ag radh “gu bheil a’ chridhe ann an Alba…”.

30 minutes

Mgr Earraig às a' Phòlainn

Mgr Earraig às a' Phòlainn

Broadcasts

  • Sun 20 Dec 2020 09:00
  • Sun 20 Dec 2020 21:00