Main content
                
    Litir do Luchd-ionnsachaidh 1120
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1120. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
            Wed 6 Jan 2021
            23:00
        
        ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal
    More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 816
Clip
- 
                                            
            Litir do Luchd-ionnsachaidh 1120
Duration: 05:00
 
Litir 1120: A' Ghà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu (4)
                Tha mi fhathast a’ togail chriomagan às an làraich-lìn ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Chuir an Comunn Oiseanach athchuinge don riaghaltas ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1839). Bha iad ag iarraidh gum biodh a’ Ghàidhlig air a teagasg san oilthigh. Cha d’ fhuair iad taic sam bith. 
Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1894), fhuair an t-oilthigh airgead dìleib bhon Ollamh Urramach Gilleasbuig MacCaluim airson sreath òraidean ‘Ceilteach’ a chur air dòigh. Airson còig bliadhna, shuidh an t-oilthigh air an airgead gun a bhith a’ dèanamh cà il leis. Mu dheireadh, chuir an Comunn Oiseanach, agus Comunn nan Oileanach aig an Eaglais Shaoir, athchuinge gu Cùirt an Oilthigh mun ghnothach.Â
Bliadhna an dèidh sin, thug an neach-saidheans, an t-Àrd-ollamh Mà nus MacGhill’Eain, sreath de dheich òraidean seachad air cuspairean Ceilteach. ʼS ann às an Eilean Sgitheanach a bha MacGhill’Eain, agus bha Gà idhlig aige mar chiad chà nan.
Bha esan air a leantainn leis an Àrd-oll. Kuno Meyer, sgoilear Ceilteach Gearmailteach a bha stèidhichte aig Oilthigh Liverpool.
Ann an naoi ceud deug is sia (1906), chaidh an t-Oll. Urr. Deòrsa MacEanruig fhastadh mar òraidiche là n-thìde. Airson a’ chiad turais riamh, bha cothrom aig oileanaich cùrsaichean Ceilteach a dhèanamh a bhiodh mar phà irt de cheum oilthigh. Nuair a bha MacEanruig ann an Glaschu, dh’fhoillsich e an leabhar ‘The Norse Influence on Gaelic Scotland’. Gu mì-fhortanach, chaochail e aig à rd a chomais ann an naoi ceud deug ʼs a dhà -dheug (1912). Bha e dìreach ceathrad ʼs a sia bliadhna a dh’aois.
Às a dhèidh, thà inig an t-Oll. Urr. Deòrsa Calder. Thog esan a chuid Gà idhlig ann an Siorrachd Pheairt, an dèidh dha Laideann, cuspairean clasaigeach agus diadhachd a dhèanamh aig oilthigh. Bha e na òraidiche ann an Oilthigh Ghlaschu gu naoi ceud deug, trithead ʼs a còig (1935). Sgrìobh Calder trì leabhraichean a th’ agam fhèin air mo sgeilpichean – leabhar grà mair agus cruinneachaidhean de bhà rdachd Dhonnchaidh Bhà in agus Uilleim Rois.
Thà inig Seumas MacIlleMhìcheil MacBhà tair, mac an sgoileir ainmeil Uilleam MacBhà tair, don oilthigh airson trì bliadhna mus deach e a dh’Oilthigh Dhùn Èideann mar Àrd-ollamh na Ceilteis. Às a dhèidh, thà inig Aonghas MacMhathain à Uibhist a Tuath, brà thair Uilleim, sgoilear Gà idhlig eile. Bha Aonghas na òraidiche ann an Glaschu airson fichead bliadhna, le ceithir bliadhna air falbh, agus e an sà s anns an Dà rna Cogadh.Â
Ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a sia (1956) chaidh Aonghas a dhèanamh na Àrd-ollamh. Mu dheireadh thall, an dèidh strì a thòisich còrr is ceud bliadhna roimhe, bha Cathair Cheilteach ann an Glaschu. Lean daoine ainmeil anns an dreuchd sin – Ruairidh MacThòmais, Dòmhnall MacAmhlaigh, Cathair Ó Dochartaigh agus Tòmas Clancy.Â
Ann an dà mhìle ʼs a deich (2010), chaidh Cathair Ghà idhlig a chur air dòigh cuideachd. Bhon uair sin, tha an t-Àrd-oll. Roibeard Ó Maolalaigh air a bhith anns a’ Chathair. Tha iomadh iomairt ann – acadamaigeach agus sòisealta – a tha a’ neartachadh na Gà idhlig san oilthigh a-nise. Nuair a tha sinn a’ coimhead air ais, tha e fìor ri rà dh gu bheil piseach mòr air tighinn air suidheachadh na Gà idhlig ann an Oilthigh Ghlaschu.

Faclan na Litreach
                Faclan na Litreach: Comunn Oiseanach: Ossianic Society; athchuinge: petition; airgead dìleib: (financial) legacy; sreath òraidean: a series of lectures; an Eaglais Shaor: the Free Church; Cùirt an Oilthigh: The University Court; Seumas MacIlleMhìcheil MacBhàtair: James Carmichael Watson; Aonghas MacMhathain: Angus Matheson.
            
        Abairtean na Litreach
                Abairtean na Litreach: fhathast a’ togail chriomagan às an làraich-lìn: still picking pieces from the website; gum biodh a’ Ghàidhlig air a teagasg san oilthigh: that Gaelic would be taught at the university; bliadhna an dèidh sin: a year after that; thug an neach-saidheans, an t-Àrd-ollamh Mànus MacGhill’Eain, sreath òraidean seachad air cuspairean Ceilteach: the scientist, Professor Magnus Maclean, delivered a series of lectures on Celtic subjects; chaidh X fhastadh mar òraidiche làn-thìde: X was hired as a full-time lecturer; airson a’ chiad turais riamh: for the first time ever; bha cothrom aig oileanaich cùrsaichean Ceilteach a dhèanamh a bhiodh mar phàirt de cheum oilthigh: students had an opportunity to do Celtic courses that would be part of a university degree; chaochail e aig àrd a chomais: he died [when he was] at the height of his powers; an dèidh dha Laideann, cuspairean clasaigeach agus diadhachd a dhèanamh aig oilthigh: after he had done Latin, classical subjects and divinity at university; cruinneachaidhean de bhàrdachd Dhonnchaidh Bhàin agus Uilleim Rois: collections of the poetry of Duncan Ban and William Ross; Àrd-ollamh na Ceilteis: Professor of Celtic; mu dheireadh thall, an dèidh strì a thòisich còrr is ceud bliadhna roimhe, bha Cathair Cheilteach ann an Glaschu: at long last, after a struggle that started more than a hundred years before, there was a Chair of Celtic in Glasgow; tha iomadh iomairt ann – acadamaigeach agus sòisealta – a tha a’ neartachadh na Gàidhlig: there are many initiatives – academic and social – that strengthen Gaelic; tha e fìor ri ràdh gu bheil piseach mòr air tighinn air X: it’s true to say that X has improved greatly.
            
        Puing-chà nain na Litreach
                Puing-chànain na Litreach: an t-Oll. Urr. Deòrsa MacEanruig: the Rev. Dr. George Henderson. In the Gaelic form of the name, the honorifics are reversed cf the English form. Note the abbreviated forms – Oll. for ‼«±ô±ô²¹³¾³ó’ and Urr. for ‘U°ù°ù²¹³¾²¹³¦³ó’. Earlier in the Litir, I gave the full form of another name – An t-Ollamh Urramach Gilleasbuig MacCaluim ‘the Rev. Dr. Archibald MacCallum’.
            
        Gnà thas-cainnt na Litreach
                Gnàthas-cainnt na Litreach: shuidh an t-oilthigh air an airgead gun a bhith a’ dèanamh càil leis: the university sat on the money without doing anything with it.
            
        Broadcasts
- Sun 3 Jan 2021 22:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
 - Wed 6 Jan 2021 23:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
 
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
- 
                                        
            Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.