
An t-Urr D I Moireasdan, Eaglais na h-Alba
Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Service with Rev D J Morrison, assistant minister Tarbert Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 68: 7-8 air fonn London New agus ‘s e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 33 : 18-19 air fonn Coleshill agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh
Salm 15: 5-7 air fonn Moravia agus ‘s e Coinneach Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.
Leughaidhean: Deuteronomi 11: 1-12
Ceann-teagaisg: Deuteronomi 11: 11& 12
Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' chuid mhòr dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e air dreuchd na ministrealachd a-nis a leigeil dheth gu h-oifigeach, bidh e fhathast a' gabhail sheirbheisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an à ite sam bith far a bheilear a' cur feum air.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 17 Jan 2021 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Jan 2021 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal