
...a' Ghà idhlig an Achd an Fhoghlaim 1872?
Dè nan robh Achd Foghlam 1872 air sgoiltean Gà idhlig a sgaoileadh, seach an dùnadh? What if the Education Act of 1872 had expanded Gaelic schools, instead of shutting them?
Dè nan robh an eachdraidh againn air a dhol rathad eile? Anns an t-sreath ùr sa, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air diofar amannan nar n-eachdraidh, naig puing far a robh cothrom aig eachdraidh a bhith air ar stiùireadh a dh'à iteigin eile.
Sa phrògram sa, tha ar sùilean a' laighe air eachdraidh na Gà idhlig, agus achd pà rlamaid a dh' atharraich a suidheachadh a chà nain sna sgoiltean. B'e seo Achd Foghlam 1872 - a stèidhich siostam sgoile nà iseanta, ach aig nach robh guth air a' chà nan, Dh' fhà g sin gun do dhùin na sgoiltean Gà idhlig, is na cothroman foghlam tro mheadhan a chà nain. Rud a thug buille eile do shuidheachadh ar cà nain aig deireadh na 19mh linn.
Ach dè nan robh achd eile air a dhol tron phà rlamaid? Achd far an robh a' Ghà idhlig air a sgaoileadh, seach a mùchadh ann am foghlam na h-Alba. Sin a' cheist a tha ron t-Oll. Boyd Robasdan agus Iain MacIlleChiar a' freagairt sa phrògram sa. A' mìneachadh sgeulachd Achd 1872, agus a' leudachadh air suidheachadh na Gà idhlig an uairsin, tha an Dr Sheila Kidd bho Oilthigh Ghlaschu - is sinn a' gabhail sgrìob tro eisimpleir de dh' achd-pà rlamaid agus poilitigs aig an robh buaidh dha-rìribh air saoghal a' latha an-diugh.
Last on
Broadcasts
- Tue 14 Sep 2021 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Sep 2021 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Sep 2021 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal