
Sgrìob tro Shlèite
Tha Nicola NicThòmais a' gabhail sgrìob tro sgìre Shlèite san Eilean Sgitheanach. Nicola Thomson takes us on a tour of Sleat, Skye through the School of Scottish Studies archive.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
Thogadh Nicola NicThòmais ann a Slèite, an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, agus tha i air a bhith 'g obair ann am buidhnean Gà idhlig airson cha mhòr fichead bliadhna, a' mhòr-chùid dhen ùine sin san eilean. Tha Slèite air a roinn na dhà leth - oighreachd Eilean Iarmain sa cheann a tuath agus oighreachd nan Dòmhnallach a chùm ceann a deas na sgìre. A seo tha Nicola a' toirt thugainn òrain às a sgìre a' tòiseachadh ann an Camas Cros an Eilean Iarmain, 's i a' leantainn oirre sìos chun Àrd agus Rubha Shlèite mus till i leinn air an taobh an ear a Tharsacabhaig 's timcheall mun Òrd.
Last on
Broadcasts
- Mon 25 Oct 2021 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 25 Oct 2021 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Oct 2021 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Apr 2023 16:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal