
Calanas
Dòmhnall Mà rtainn a' cnuasachadh air mar a bhathas ri obair na cloimhe air Ghà idhealtachd. Donald Martin examines the wool-working tradition in the School of Scottish Studies.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
Cha bheag a chuala Dòmhnall Mà rtainn mu obair na cloimhe na dhreuchd mar Chathraiche air Ùghdarras a' Chlò Hearaich agus a seo tha e a' dol fad is farsaing air feadh na Gà idhealtachd airson dealbh a toirt dhuinn air difir chleachdaidhean a bha co-cheangailte ris an obair chudromach a bha seo.
Gheibh sinn a-mach mu luadh am Barraigh, mar a bha iad a' dèanamh aodach leap ann a Leòdhas, mar a bhiodh iad a' fighe phlaidichean agus a' dèanamh aodach fhireannach ann an Eilean Eige, mar a bhiodh iad a' dath na cloimhe agus a' luadh sna Hearadh, na h-ainmean a bh' air pà irtean den chuibhle-shnìomh a Leòdhas, mar a bhiodh iad a' luadh len casan an Ìle agus, airson crìochnachadh, òran luaidh mu bhith a' luadh à Uibhist a Deas.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Mon 29 Nov 2021 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 29 Nov 2021 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Dec 2021 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal